Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Dawn'
EXTERNAL ID
AB_LL_MANDY_HAGGITH
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Mandy Haggith
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
40984
KEYWORDS
claistinneach
bàrdachd
cruthan-tìre litreachais
litreachas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Chaidh an rann 'Dawn' a sgrìobhadh le Mandy Haggith. Tha e air a leughadh an seo leis an ùghdar.

Dawn

In Zimbabwe dawn strides in
with the confidence of Dali
deftly brushing the Zambezi escarpment
pink, azure and gold
to a fanfare of hippopotamus.

I'm more used to a swithering dawn
who tentatively shuffles in
with a pencil
to spend a few hours sketching Suilven
quietly, with a willow warbler.

'S ann à Northumberland a tha Mandy Haggith ach tha i an-diugh a' fuireach air croit sa choille ann an Asaint. 'S e sgrìobhadair a th' innte agus tha i cuideachd an sàs ann an dìon na h-àrainneachd. Ann an 2005 cheumnaich i le urram on MPhil chliùiteach airson Sgrìobhadh Cruthachail aig Oilthigh Ghlaschu, far an robh i ag ionnsachadh còmhla ri Tom Leonard. Choisinn i iomadh co-fharpais agus duais, nam measg a' chiad duais ann an co-fharpais bàrdachd Fèis Northern Lights, agus tha fear de na pìosan bàrdachd aice, Beanntan Asaint, na theacsa air a sheatadh airson GCSE Beurla.

Tha dà chruinneachadh bàrdachd aig Mandy air am foillseachadh: 'Letting Light In' (Essence Press, 2005) agus 'Castings' (Two Ravens Press, 2007). As t-earrach 2008 chaidh a ciad nobhail, 'The Last Bear', fhoillseachadh le Two Ravens Press agus san Iuchar 2008 chaidh a leabhar neo-fhicseanach mu ghnìomhachas a' phàipeir, 'Paper Trails: from trees to trash - the true cost of paper', fhoillseachadh le Virgin Books/Random House. O chionn ghoirid choisinn i maoin sgrìobhadair o Chomhairle Ealain na h-Alba agus cuiridh i seachad greis den ath-bhliadhna (2010) a' faighinn spreigeadh do a bàrdachd agus a ficsean às an iomadh làrach cloiche ann an Asaint. Tha i a' cur air dòigh chùrsaichean sgrìobhaidh aig Loidse Ghleann Canasp faisg air Loch an Inbhir.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Dawn'

2000an

claistinneach; bàrdachd; cruthan-tìre litreachais; litreachas; claistinneach;

Am Baile

Literary Landscapes: Mandy Haggith