Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' cur ruaig air gille crosta
EXTERNAL ID
CLI_CALINA_MACDONALD
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Calina MacDonald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clì Gàidhlig
AITHNEACHADH MAOINE
41115
KEYWORDS
claistinneach
geamaichean
clann

Get Adobe Flash player

Tha Calina NicDhòmhnaill a' toirt dealbh beothail dhuinn air a leanabas air taobh tuath an Eilein Sgitheanaich is a làithean aig Àrd-sgoil Phort Rìgh.

CN: Bhiodh mi fhìn 's mo pheathraichean, gu h-àraid mise, bhiodh sinn a' cluich 'taighean beaga', you know; mar clann-nighean a bhiodh a' cluich 'taighean beaga', agus bhiodh tea-sets againn 's a' dèanamh a h-uile càil mar sin, le pigeilearan, dìreach cupannan 's truinnsearan a bha nam bristeadh; is càil sam bith a b' urrainn dhomh a thoirt a-mach às an taigh. (ha ha) Bhiodh sinn ga thoirt leinn suas a' bhruthach, 's bhiodh 'taighean beaga' againn. Ach an ath-dharas dhuinne, sa chroit an ath-dharas dhuinne, bha teaghlach ann a's an robh sianar ghillean. 'S mar sin bha aimhreit, bha tòrr aimhreit a' dol eadar na h-igheanan 's na gillean 's bha tòrr sabaid a' dol eadar na h-igheanan 's na gillean. 'S an latha a bha seo, thàinig fear dhe na gillean 's chuir e às dhan an taigh bheag a'amsa, bhrist e an taigh bheag agam. Uill! Ghabh mise an cuthach! Thàinig mi staigh is fhuair mi grèim air 'm maid' aig mo sheanair. Nise bha mo sheanair na sheòladair. Bha e ann an Afraga 's feumaidh gun tug e dhachaigh am maid' a bha seo: 's e eabonaidh a bh' ann 's bha e cho cruaidh ris an donas, mar a chanas 'ad. Stiall mise air a' bhalach a bha seo leis a' mhaide. 'S bhrist mi am maide! 'S chaidh e dhachaigh na rus. An ceann uair a thìde, thàinig a mhàthair gu 'n daras - gnog, gnog, gnog - 's i a' trod le mo mhàthair gu robh i a' dol a chur am poileasman às mo dhèidh 's a h-uile càil a bh' ann. Cha mhòr nach do mharbh mi an gill' aic'! (gàireachdaich). Ach cha deach e faisg orm às dèidh sin! Cha tàinig e faisg idir orm! Dh'obraich e! Aversion therapy!

'S ann bhon leabhar 'Mas Math mo Chuimhne' (Reflection of the Gaels), foillsichte an 2010, a tha an earrann seo. Chaidh a' phròiseact seo de dh'eachdraidh air aithris a stiùireadh le Clì Gàidhlig - Comann Luchd-Ionnsachaidh na Gàidhlig - agus 's e pròiseact a bh' ann a rinn clàradh de sgeulachdan o luchd-fileanta na Gàidhlig, sgeulachdan nach tigeadh idir am bàrr, 's dòcha, ach tron obair seo. B' e prìomh amasan na pròiseict: eachdraidh bheò agus beairteas na cànain a chlàradh tro na cuimhneachaidhean aig luchd-labhairt a bhruidhinn gu saor-thoileach; cuideachadh le bhith a' tarraing a-steach on aonaranachd cuid de dh'fhileantaich na b' aosta le bhith ag aithneachadh luach an dualchais sgìreil agus chànanach; luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig a thrèanadh 's a thoirt an-sàs san obair a' dèanamh nan agallamhan; agus cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh faclan eadar-dhealaichte agus dualchasan-cainnt ionnsachadh tron phròiseict.

Tha an leabhar air fhoillseachadh ann an Gàidhlig agus sa Bheurla, agus CD na chois anns an cluinnear diofar dhaoine a' bruidhinn gu nàdarra sa Ghàidhlig air am beatha fhèin 's an obair. Chaidh an leabhar a dhèanamh le Coinneach Lindsay agus a dheasachadh le Mòrag NicNèill. (Faodaidh tu an leabhar a cheannach le bhith a' leantainn a' cheangail shìos fodha.)

Bu toil le Clì Gàidhlig taing a thoirt do Mhaoin Dualchais a' Chrannchuir airson an taic airgid leis a' phròiseict.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' cur ruaig air gille crosta

2000an

claistinneach; geamaichean; clann

Clì Gàidhlig

Mas Math Mo Chuimhne (Reflection of the Gaels)