Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Fàgail Shòthaigh
EXTERNAL ID
CLI_CALUM_CAMERON
ÀITE
Sòdhaigh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Calum Cameron
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clì Gàidhlig
AITHNEACHADH MAOINE
41116
KEYWORDS
claistinneach
tìodhlacaidhean
eileanan

Get Adobe Flash player

Calum Camshron air na làithean mu dheireadh air Eilean Shòdhaigh.

CC: Mar sin, innsidh mi sin dhut. Sin agad aon dhe na h-adhbharan a dh'iarr muinntir Shòdhaigh fhaighinn air falbh, a chionn 's bha daoine a' fàs aosta, ['s e] sin a' chiad rud, agus cha robh iad cho comasach 's a bha iad. Cha robh iad cho comasach ri daoin' òg, agus cha robh cladh ann an Sòdhaigh. Nuair a bha bàs anns a' bhaile uair sam bith, dh'fheumadh a' chorp a dhol a dh'Aoineart, a's an Eilean Sgitheanach, agus bha sin faisg air dà uair a thìde air falbh. Agus nam biodh droch latha no droch shìde ann, droch aimsir, 's dòcha gum biodh iad seachdain a' feitheamh cothrom fhaighinn dhan a' chladh. Agus bha sin, uill, bha sin a' cur cùram air daoine agus tha mi 'tuigsinn sin. Agus feumaidh sinn cuimhneachadh, anns an t-seann aimsir cha robh anam beò a' fuireach ann an Sòdhaigh. Bha Sòdhaigh falamh ceudan bliadhna mus tàinig na Fuadaichean, oir 's e na Fuadaichean a chuir daoine a Shòdhaigh, coltach ri iomadach eilean eile. Tha fhios a'm air a sin.

'S ann bhon leabhar 'Mas Math mo Chuimhne' (Reflection of the Gaels), foillsichte an 2010, a tha an earrann seo. Chaidh a' phròiseact seo de dh'eachdraidh air aithris a stiùireadh le Clì Gàidhlig - Comann Luchd-Ionnsachaidh na Gàidhlig - agus 's e pròiseact a bh' ann a rinn clàradh de sgeulachdan o luchd-fileanta na Gàidhlig, sgeulachdan nach tigeadh idir am bàrr, 's dòcha, ach tron obair seo. B' e prìomh amasan na pròiseict: eachdraidh bheò agus beairteas na cànain a chlàradh tro na cuimhneachaidhean aig luchd-labhairt a bhruidhinn gu saor-thoileach; cuideachadh le bhith a' tarraing a-steach on aonaranachd cuid de dh'fhileantaich na b' aosta le bhith ag aithneachadh luach an dualchais sgìreil agus chànanach; luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig a thrèanadh 's a thoirt an-sàs san obair a' dèanamh nan agallamhan; agus cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh faclan eadar-dhealaichte agus dualchasan-cainnt ionnsachadh tron phròiseict.

Tha an leabhar air fhoillseachadh ann an Gàidhlig agus sa Bheurla, agus CD na chois anns an cluinnear diofar dhaoine a' bruidhinn gu nàdarra sa Ghàidhlig air am beatha fhèin 's an obair. Chaidh an leabhar a dhèanamh le Coinneach Lindsay agus a dheasachadh le Mòrag NicNèill. (Faodaidh tu an leabhar a cheannach le bhith a' leantainn a' cheangail shìos fodha.)

Bu toil le Clì Gàidhlig taing a thoirt do Mhaoin Dualchais a' Chrannchuir airson an taic airgid leis a' phròiseict.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Fàgail Shòthaigh

INBHIR NIS: Bracadal

2000an

claistinneach; tìodhlacaidhean; eileanan

Clì Gàidhlig

Mas Math Mo Chuimhne (Reflection of the Gaels)