Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Ghàidhlig san Sgoil
EXTERNAL ID
CLI_CATRIONA_MACKINNON
ÀITE
Èirisgeigh
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Catriona MacKinnon
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clì Gàidhlig
AITHNEACHADH MAOINE
41117
KEYWORDS
claistinneach
clann

Get Adobe Flash player

Bruidhnidh Catrìona NicFhionghain mu a leanabas ann an Èirisgeigh agus sa Ghearasdan. Chuir Andrea Ridley na ceistean.

CN: Cha robh Gàidhlig idir aig a' bhan-sgoilear a bh' agamsa is cha robh Beurla agamsa. Nuair a chaidh mi dhan sgoil an toiseach 's e glè bheag, glè bheag de Bheurla a bh' againn, a bh' aig duine againn agus cha robh Gàidhlig aice. Chan eil fhios agamsa ciamar a - ciamar a dh'ionnsaich sinn rud sam bith. Ach tha cuimhn' agam gum biodh dealbhannan aice is bha - fhios agad, dealbhannan aice air - dè a' Bheurla (tha Catrìona a' ciallachadh a' Ghàidhlig) a th' air Nursery Rhymes? Cha robh sinn ach gan gabhail mar gum biodh pitheidean: 'Pat-a-Cake, Pat-a-Cake, Bake-a-Sman'. Cha robh sìon a dh'fhios againn dè bha sinn ag ràdh!

AR: Dè seòrsa Beurla a tha sin? (gàireachdainn) - Pat a Cake!

CN: Agus, mar sin chaidh 'g atharrais air an tidsear - agus bha - Tha cuimhn' agam gu robh dealbh aice 'The cow jumped over the moon', is bha mise a' smaoineachadh nach robh i glic, ma bha ise a' creidsinn gum biodh bò a' gearradh leum seachad air a' ghealaich, bha mi a' smaoineachadh nach robh i glic!

Agus, tha cuimhn' a'm gu - gun robh, bheil fhios agad, bha trì - trì seòmraichean san sgoil. Bhiodh trì clasaichean mar bu trice anns a h-uile seòmar. Agus tha mi a' smaoineachadh gur e trì - dà bhan-sgoilear agus maighstir-sgoile. 'S e am maighstir-sgoile aig an robh an fheadhainn a bu shine is a b' àirde agus cha robh sinn - cha tug iad dhuinn Gàidhlig idir. Cha robh - cha chuala sinn òrain Ghàidhlig, cha robh iad gan teagasg dhuinn idir. Cha chuala sinn riamh - um - a bheil fhios agad air - 'Gràdh Geal mo Chrìdh - Eriskay Love Lilt', cha chuala sinn riamh e. Ach dh'ionnsaich sinn 'Do You Ken John Peel?'!

'S ann bhon leabhar 'Mas Math mo Chuimhne' (Reflection of the Gaels), foillsichte an 2010, a tha an earrann seo. Chaidh a' phròiseact seo de dh'eachdraidh air aithris a stiùireadh le Clì Gàidhlig - Comann Luchd-Ionnsachaidh na Gàidhlig - agus 's e pròiseact a bh' ann a rinn clàradh de sgeulachdan o luchd-fileanta na Gàidhlig, sgeulachdan nach tigeadh idir am bàrr, 's dòcha, ach tron obair seo. B' e prìomh amasan na pròiseict: eachdraidh bheò agus beairteas na cànain a chlàradh tro na cuimhneachaidhean aig luchd-labhairt a bhruidhinn gu saor-thoileach; cuideachadh le bhith a' tarraing a-steach on aonaranachd cuid de dh'fhileantaich na b' aosta le bhith ag aithneachadh luach an dualchais sgìreil agus chànanach; luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig a thrèanadh 's a thoirt an-sàs san obair a' dèanamh nan agallamhan; agus cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh faclan eadar-dhealaichte agus dualchasan-cainnt ionnsachadh tron phròiseict.

Tha an leabhar air fhoillseachadh ann an Gàidhlig agus sa Bheurla, agus CD na chois anns an cluinnear diofar dhaoine a' bruidhinn gu nàdarra sa Ghàidhlig air am beatha fhèin 's an obair. Chaidh an leabhar a dhèanamh le Coinneach Lindsay agus a dheasachadh le Mòrag NicNèill. (Faodaidh tu an leabhar a cheannach le bhith a' leantainn a' cheangail shìos fodha.)

Bu toil le Clì Gàidhlig taing a thoirt do Mhaoin Dualchais a' Chrannchuir airson an taic airgid leis a' phròiseict.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Ghàidhlig san Sgoil

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

2000an

claistinneach; clann;

Clì Gàidhlig

Mas Math Mo Chuimhne (Reflection of the Gaels)