Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cuimhne air Balachas
EXTERNAL ID
CLI_DONALD_MACCORMICK
SGÌRE
Uibhist a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Tuath
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Donald MacCormick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clì Gàidhlig
AITHNEACHADH MAOINE
41118
KEYWORDS
claistinneach
clann
leanabachd

Get Adobe Flash player

Dòmhnall MacCormaig air seann chur-seachadan, is faclan aosta, a bhiodh aca ann an Uibhist a Tuath sna 30an is 40an.

DM: Bha thu a' dèanamh tòrr rudan. Bha thu a' dèanamh eathraichean beaga, bàtaichean beaga à sealastairean 's gan seòladh air a - is rud dhen t-seòrsa sin. Agus tha dà fhacal [ann] an Grèineatobht nach cuala mise ann an àite sam bith roimhe. Ma bha thu - tòrr dhe na - far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn, an uair sin, 's e 'sgiofag' (i. spitheag) a bh' ac' oirre nuair a bha thu a' caitheadh clach chaol 's a' feuchainn cia mheud turas a bhuaileadh i air - a' locha. Ach, an Grèineatobht 's e 'facal a bh' aca oirre, 'spor-an-teintein'.

CL: (gàireachdainn) Ciamar a litricheas mi sin?

DM: Chan eil fhios a'm! Chan eil fhios a'm fhìn nas motha. Spor-an-teinntein. Agus, nuair a bha thu a' caitheadh clach suas cho àrd 's gun tigeadh i a-nuas gun splais a dhèanamh idir, mar a chanas tu, dìreach plop, 'spor-a'-ghunna' a bha sin.

Ach, bha tòrr chleasachdan - 's bhiomaid a' snèaradh choineanaich cuideachd. Bha mise ag èirigh aig còig uairean sa mhadainn 's a' dol sìos mu' faigheadh na fithich grèim air na coineanaich. Agus bhiodh sinn a' dol a dh'iasgach cuideachd, nuair a bha ùine agad, 's bha bric gu leòr an uair sin ann. Bha e - Tha mi 'smaoineachadh gur e sin làthaichean cho toilichte 's a chuir mi riamh seachad. Nuair a bha thu òg bha an latha cho fada - cha robh e goirid idir. Bha e dìreach - bha e math, bha e sgoinneil. 'S bha daoine cho èibhinn 's làn spòrsa 's bha 'ad a' dèanamh - dìreach - bha a h-uile dad cho nàdarrach. Cha robh materialism a' tighinn a-staigh dhan ghnothach idir mar a tha e an-diugh. Cha robh - 's e eich is cairt a bh' aca agus - och, bha e sgoinneil.

'S ann bhon leabhar 'Mas Math mo Chuimhne' (Reflection of the Gaels), foillsichte an 2010, a tha an earrann seo. Chaidh a' phròiseact seo de dh'eachdraidh air aithris a stiùireadh le Clì Gàidhlig - Comann Luchd-Ionnsachaidh na Gàidhlig - agus 's e pròiseact a bh' ann a rinn clàradh de sgeulachdan o luchd-fileanta na Gàidhlig, sgeulachdan nach tigeadh idir am bàrr, 's dòcha, ach tron obair seo. B' e prìomh amasan na pròiseict: eachdraidh bheò agus beairteas na cànain a chlàradh tro na cuimhneachaidhean aig luchd-labhairt a bhruidhinn gu saor-thoileach; cuideachadh le bhith a' tarraing a-steach on aonaranachd cuid de dh'fhileantaich na b' aosta le bhith ag aithneachadh luach an dualchais sgìreil agus chànanach; luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig a thrèanadh 's a thoirt an-sàs san obair a' dèanamh nan agallamhan; agus cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh faclan eadar-dhealaichte agus dualchasan-cainnt ionnsachadh tron phròiseict.

Tha an leabhar air fhoillseachadh ann an Gàidhlig agus sa Bheurla, agus CD na chois anns an cluinnear diofar dhaoine a' bruidhinn gu nàdarra sa Ghàidhlig air am beatha fhèin 's an obair. Chaidh an leabhar a dhèanamh le Coinneach Lindsay agus a dheasachadh le Mòrag NicNèill. (Faodaidh tu an leabhar a cheannach le bhith a' leantainn a' cheangail shìos fodha.)

Bu toil le Clì Gàidhlig taing a thoirt do Mhaoin Dualchais a' Chrannchuir airson an taic airgid leis a' phròiseict.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cuimhne air Balachas

INBHIR NIS: Uibhist a Tuath

2000an

claistinneach; clann; leanabachd

Clì Gàidhlig

Mas Math Mo Chuimhne (Reflection of the Gaels)