Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir Ghàidhlig mu thùsan den spòrs de churladh
EXTERNAL ID
CLI_GAELIC_LETTER_143
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Norman MacLeod
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clì Gàidhlig
AITHNEACHADH MAOINE
41121
KEYWORDS
litrichean
co-sgrìobhadh
claistinneach

Get Adobe Flash player

'S ann o 'Leabhar nan Litrichean' a tha am pìos claistinneach Gàidhlig seo. 'S e goireas teagaisg do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a th' ann, foillsichte le Clì Gàidhlig, a chaidh a chraoladh an toiseach air BBC Rèidio nan Gàidheal.

'S ann mu thùsan den spòrs de churladh a tha an litir seo.

'Halo a-rithist. Tha mi a-mach an-diugh air spòrs. An urrainn dhuibh ainm a chur ri trì dhiubh a bhuineas, bho thùs, do dh'Alba? Uill, 's dòcha gum bi sin nas fhasa fhreagairt an-dràsta leis gu bheil fear aca air aire dhaoine gu mòr. Tha mi a' bruidhinn air curladh. 'S iad an fheadhainn eile a bhuineas do dh'Alba - iomain agus goilf.

Bidh fios agaibh, tha mi cinnteach, gur e sgioba de bhoireannaich Albannach a bhuannaich bonn òir a' churlaidh do Bhreatainn aig na Geamannan Oilimpigeach o chionn ghoirid. Tha e coltach gu robh mòran ann an Sasainn gu tur aineolach mun ghèam ach chan ionann sin ann an Alba far an deach a chruthachadh o chionn ceudan bhliadhnaichean.

Co-dhiù 's ann ann an Alba a chaidh a' chiad aithris a dhèanamh ann an sgrìobhadh - co-cheangailte ri Abaid Phàislig ann an còig deug ceathrad 's a h-aon (1541). Ach tha feadhainn ag ràdh gur dòcha gun do thòisich e anns an Òlaind no ann am Flànrais, oir rinn am fear-deilbh, Peter Breugel, dà dhealbh ann an còig ceud deug, seasgad 's a còig (1565) de dhaoine a' cluich le clachan air deigh. Agus tha e a' coimhead coltach gur ann à Fleamais a thàinig am facal Beurla bonspiel a tha a' ciallachadh "geama curlaidh".

Ach an e curladh a tha anns na dealbhan? Tha cuid den bheachd gur e gèam eile a th' ann - fear a thòisich ann am Baibhèiria agus an Ostair - ris an canar eischiessen, anns a bheil maide a' stobadh gu dìreach a-mach às a' chloich. Co-dhiù, ge bith cò thòisich curladh, 's iad na h-Albannaich a thug cruth agus spionnadh dha. Agus tha mòran dhen bheachd gu bheil e iomchaidh gu bheil am bonn òir aig Geamannan Oilimpigeach a' Gheamhraidh air tighinn "dhachaigh".

Leudaich an spòrs aig àm nuair a bha na geamhraidhean na b' fhuaire na tha iad an-diugh, agus nuair a bha e fada na b' fhasa do dhaoine loch reòthte a lorg. 'S ann anns na sgìrean dùthchail a bu mhò a bhiodh daoine a' cluich curladh agus, ann an aimsir reòthte aig an àm sin, cha robh mòran eile a b' urrainn dhaibh dhèanamh ach cumail blàth ann an dòigh air choireigin! Gu h-iongantach, bha iad cho measail air an spòrs ann an cuid de dh'àiteachan 's gum biodh iad a' falbh a-mach a chluich air an oidhche, agus a' cleachdadh lòchrain, no lampaichean no, uaireannan solas lòchran nam bochd. 'S e sin a' ghealach.

Ma 's e Alba a thug curladh don t-saoghal, agus tha e a-nise air a chluich ann an co-dhiù fichead dùthaich eile eadar an t-Suain agus New Zealand, 's iad na Cainèidianaich as mò a dh'fhàs measail air. Tha suas ri millean duine ri curladh ann an Canada, barrachd air triùir às gach ceathrar a chluicheas an gèam air feadh an t-saoghail. Chuir Alba sgioba a dh'ionnsaigh Chanada agus nan Stàitean Aonaichte ann an naoi ceud deug 's a dhà (1902) airson a' chiad turas, agus mhothaich iad gu robh na Cainèidianaich is Ameireaganaich math math air a' ghèam. Agus thachair rud ùr dhaibh, oir b' e sin a' chiad turas a bha gin dhen sgioba Albannach air curladh a chluich fo chabair.

Tha gnothaichean air atharrachadh ann an Alba bhon uair sin agus, ged nach eil uiread de chluicheadairean anns an dùthaich seo 's a th' ann an Canada, agus ged nach eil na goireasan trèanaidh againn cho math nas mò, sheall na boireannaich Albannach gu robh iad fhathast comasach air sgioba a chur ri chèile a dhèanadh a' chùis anns an fharpais as mò air an t-saoghal.'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir Ghàidhlig mu thùsan den spòrs de churladh

2000an

litrichean; co-sgrìobhadh; claistinneach

Clì Gàidhlig

Leabhar nan Litrichean