Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgeulaiche à Geàrrloch
EXTERNAL ID
CLI_HECTOR-MACKENZIE
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Hector MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clì Gàidhlig
AITHNEACHADH MAOINE
41122
KEYWORDS
claistinneach
stòiridhean

Get Adobe Flash player

Tha cuimhn' aig Eachann MacCoinnich à Geàrrloch air seanchaidh a bha san àite ann an làithean òige.

EM: Bha againn ri dhol airson - airson a' bhainne nuair a bha a' bhò seasg, tha fhios agad, agus bha fear ann a sin 's bha e uabhasach math air innse stòiridheannan agus - chan e rud foirmeil idir a bh' ann, ach bha thu a' dol a-steach is bha thu - 's dh'fhaodadh gur ann air na 'MacFlannels' air an rèidio no air cuspair Gàidhlig air choreigin no air bòcain no air - 's e dìreach dòigh meanmnach, inntinneach a bh' aige air sgeulachdan innse. 'S bhiodh pìob tombac' aige 's bhiodh e - bha pìob, mar gum b' e, rudeigin a bha 'cur ris a' stòiridh a bh' aige agus, nuair a bhiodh e 'tighinn dha na stòir - mar gum b' e, àirde na sgeulachd, bhiodh e 'stad, agus thòisicheadh e air tombaca a mheilleadh mar seo, agus bha sinn a' fuireach airson na' taibhsean, no na bòcain, no na MacFlannels no brith dè bh' ann, agus a-rèiste thòisicheadh e a-rithist. Bha e dìreach - bha e gu nàdarrach mar sin, 'l fhios agad. Tha cuimhn a'm air a' bhodach sin.

'S ann bhon leabhar 'Mas Math mo Chuimhne' (Reflection of the Gaels), foillsichte an 2010, a tha an earrann seo. Chaidh a' phròiseact seo de dh'eachdraidh air aithris a stiùireadh le Clì Gàidhlig - Comann Luchd-Ionnsachaidh na Gàidhlig - agus 's e pròiseact a bh' ann a rinn clàradh de sgeulachdan o luchd-fileanta na Gàidhlig, sgeulachdan nach tigeadh idir am bàrr, 's dòcha, ach tron obair seo. B' e prìomh amasan na pròiseict: eachdraidh bheò agus beairteas na cànain a chlàradh tro na cuimhneachaidhean aig luchd-labhairt a bhruidhinn gu saor-thoileach; cuideachadh le bhith a' tarraing a-steach on aonaranachd cuid de dh'fhileantaich na b' aosta le bhith ag aithneachadh luach an dualchais sgìreil agus chànanach; luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig a thrèanadh 's a thoirt an-sàs san obair a' dèanamh nan agallamhan; agus cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh faclan eadar-dhealaichte agus dualchasan-cainnt ionnsachadh tron phròiseict.

Tha an leabhar air fhoillseachadh ann an Gàidhlig agus sa Bheurla, agus CD na chois anns an cluinnear diofar dhaoine a' bruidhinn gu nàdarra sa Ghàidhlig air am beatha fhèin 's an obair. Chaidh an leabhar a dhèanamh le Coinneach Lindsay agus a dheasachadh le Mòrag NicNèill. (Faodaidh tu an leabhar a cheannach le bhith a' leantainn a' cheangail shìos fodha.)

Bu toil le Clì Gàidhlig taing a thoirt do Mhaoin Dualchais a' Chrannchuir airson an taic airgid leis a' phròiseict.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgeulaiche à Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

2000an

claistinneach; stòiridhean

Clì Gàidhlig

Mas Math Mo Chuimhne (Reflection of the Gaels)