Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leanabas an Dùn Èideann
EXTERNAL ID
CLI_MEG_BATEMAN
ÀITE
Dùn Èideann
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Meg Bateman
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clì Gàidhlig
AITHNEACHADH MAOINE
41123
KEYWORDS
claistinneach
clann

Get Adobe Flash player

Rugadh am bàrd Meg Bateman ann an Dùn Èideann ann an 1959. Seo i a' mìneachadh na cuimhne as tràithe aice.

MB: Tha cuimhn' agam mo phiuthar a bhith 'tighinn dhachaigh 's mi bhith ga cumail nam uchd. Tha cuimhn' - uill, tha cuimhn' agam air saorsa: tha mi 'n dùil gur e seo a' chiad chuimhn' agam. Nuair a bha sinn a' fuireach faisg air Roslin, bha sinn a-muigh san dùthaich agus tha cuimhn' agam a bhith a' sreap air geata, 'dol thairis air geata, agus bha cead agam 'son a' chiad turas dol a-mach dhan achadh seo. Agus cha b' urrainn dhomh - tha cuimhn' agam a bhith nam sheasamh air a' gheata gun a bhith 'creidsinn gu robh de chead agam, de shaorsa agam a bhith a' coiseachd tron achadh seo, agus 's e cuimhne gu math tràth a tha sin. Agus tha cuimhn' agam cuideachd, bha mi ag adhradh mo phiuthar, mo phiuthar as sine agus nuair a chaidh ise dhan sgoil - bha ise trì bliadhna nas sine na mise - is bha mise gu mòr airson a bhith 'dol dhan sgoil cuideachd. Is bha tunic oirre, is bha mise gu mòr airson tunic a chur ormsa cuideachd. Agus mar sin, rinn mi caraid mac-meanmnach agus 's e 'Tunica' an t-ainm a bh' oirre. (gàireachdaich) Agus bhiodh 'Tunica' a' dol a-mach dhan achadh seo thairis air a' gheata, còmhla rium.

'S ann bhon leabhar 'Mas Math mo Chuimhne' (Reflection of the Gaels), foillsichte an 2010, a tha an earrann seo. Chaidh a' phròiseact seo de dh'eachdraidh air aithris a stiùireadh le Clì Gàidhlig - Comann Luchd-Ionnsachaidh na Gàidhlig - agus 's e pròiseact a bh' ann a rinn clàradh de sgeulachdan o luchd-fileanta na Gàidhlig, sgeulachdan nach tigeadh idir am bàrr, 's dòcha, ach tron obair seo. B' e prìomh amasan na pròiseict: eachdraidh bheò agus beairteas na cànain a chlàradh tro na cuimhneachaidhean aig luchd-labhairt a bhruidhinn gu saor-thoileach; cuideachadh le bhith a' tarraing a-steach on aonaranachd cuid de dh'fhileantaich na b' aosta le bhith ag aithneachadh luach an dualchais sgìreil agus chànanach; luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig a thrèanadh 's a thoirt an-sàs san obair a' dèanamh nan agallamhan; agus cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh faclan eadar-dhealaichte agus dualchasan-cainnt ionnsachadh tron phròiseict.

Tha an leabhar air fhoillseachadh ann an Gàidhlig agus sa Bheurla, agus CD na chois anns an cluinnear diofar dhaoine a' bruidhinn gu nàdarra sa Ghàidhlig air am beatha fhèin 's an obair. Chaidh an leabhar a dhèanamh le Coinneach Lindsay agus a dheasachadh le Mòrag NicNèill. (Faodaidh tu an leabhar a cheannach le bhith a' leantainn a' cheangail shìos fodha.)

Bu toil le Clì Gàidhlig taing a thoirt do Mhaoin Dualchais a' Chrannchuir airson an taic airgid leis a' phròiseict.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leanabas an Dùn Èideann

2000an

claistinneach; clann

Clì Gàidhlig

Mas Math Mo Chuimhne (Reflection of the Gaels)