Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dòmhnall MacIllEathain a' bruidhinn mu Bhalla Bherlin (1 de 3)
EXTERNAL ID
CLI_Z_DONALD_MACLEAN_01
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Donald Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clì Gàidhlig
AITHNEACHADH MAOINE
41124
KEYWORDS
claistinneach
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean

Get Adobe Flash player

San earrainn èisteachd seo tha Dòmhnall MacIllEathain a' bruidhinn mu dheidhinn Balla Bherlin.

'Uill...nuair a chaidh mi a Bherlin - 's ann ann an naoi ceud deug trì fichead - agus, an ath-bhliadhn', anns an Lùnastal, bliadhna an dèidh sin, chaidh a bhalla a thogail. So, bha mi ann a sin, 's chunnaic mi a' bhalla nuair a chaidh e thogail. Bha mi...'s e Didòmhnaich a bh' ann, agus cha robh fhios aig duine sam bith dè bha a' dol a thachairt.

Sa mhadainn, bha mise a' dol sìos fhaicinn dè bha dol ann am Berlin fhèin 's chur mi orm dìreach èideadh sìobhalta. Chaidh mi air an trèana beag, fo thalamh - an 'underground': 'u-bahn' a bha aca air 's chaidh mi gu àite ris an can 'ad - far an robh gàrradh nam beathaichean, no 'zoological garden'. Agus, nuair a thàinig mi a-mach às an trèana, bha feadhainn a' reic pàipearan-naidheachd sònraichte, ag ràdh gu robh tancaichean nan Ruiseanach dìreach aig a' chrìoch, far an robh Earrann Ruiseanach agus an Earrann Bhreatannach a' tighinn ri chèile. Agus, bha mi a' faicinn mòran de shluagh a' coiseachd dhan an àite sin, agus lean mi 'ad. Agus bha sin dìreach faisg air an 'Reichstag' agus dìreach - chan eil fhios 'am cia mheud slat - air falbh bhon a' Gheata 'Brandenburg', agus bha an Geata 'Brandenburg' air an taobh eile agus, ann an sin, bha na clachairean ag obair air a' bhalla agus le saighdearan bhon Gearmailt an Ear le gunnaichean, dìreach sealltainn orra gu geur, agus tha iadsan a' cur suas a' bhalla. Ach, cha do rinn sinn dad. Leig sinn leotha a' bhalla a thogail. Bha mòran mìltean de Ghearmailtich a' feuchainn ri fhaighinn air falbh aig an àm sin.'

'S ann bhon leabhar 'Mas Math mo Chuimhne' (Reflection of the Gaels), foillsichte an 2010, a tha an earrann seo. Chaidh a' phròiseact seo de dh'eachdraidh air aithris a stiùireadh le Clì Gàidhlig - Comann Luchd-Ionnsachaidh na Gàidhlig - agus 's e pròiseact a bh' ann a rinn clàradh de sgeulachdan o luchd-fileanta na Gàidhlig, sgeulachdan nach tigeadh idir am bàrr, 's dòcha, ach tron obair seo. B' e prìomh amasan na pròiseict: eachdraidh bheò agus beairteas na cànain a chlàradh tro na cuimhneachaidhean aig luchd-labhairt a bhruidhinn gu saor-thoileach; cuideachadh le bhith a' tarraing a-steach on aonaranachd cuid de dh'fhileantaich na b' aosta le bhith ag aithneachadh luach an dualchais sgìreil agus chànanach; luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig a thrèanadh 's a thoirt an-sàs san obair a' dèanamh nan agallamhan; agus cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh faclan eadar-dhealaichte agus dualchasan-cainnt ionnsachadh tron phròiseict.

Tha an leabhar air fhoillseachadh ann an Gàidhlig agus sa Bheurla, agus CD na chois anns an cluinnear diofar dhaoine a' bruidhinn gu nàdarra sa Ghàidhlig air am beatha fhèin 's an obair. Chaidh an leabhar a dhèanamh le Coinneach Lindsay agus a dheasachadh le Mòrag NicNèill. (Faodaidh tu an leabhar a cheannach le bhith a' leantainn a' cheangail shìos fodha.)

Bu toil le Clì Gàidhlig taing a thoirt do Mhaoin Dualchais a' Chrannchuir airson an taic airgid leis a' phròiseict.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dòmhnall MacIllEathain a' bruidhinn mu Bhalla Bherlin (1 de 3)

2000an

claistinneach; An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean;

Clì Gàidhlig

Mas Math Mo Chuimhne (Reflection of the Gaels)