Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ùrnaighean Gàidhlig 7
EXTERNAL ID
GB1796_SINCLAIR_GAELICPRAYERS_07
LINN
1980an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
41186
KEYWORDS
ùrnaighean
claistinneach

Get Adobe Flash player

(An eadar-ghuidhe:)

Dèanamaid ùrnaigh airson staid eaglais Chrìosda gu lèir:

A Dhia uile-chumhachdaich agus shiìorraidh a tha air ar teagasg led Abstol naomh, eadar-ghuidhe a dhèanamh agus taing a thoirt airson nan daoine gu lèir.
Tha sinn a' guidhe gu h-iriosal ort thu gu ro-thròcaireach a ghabhail ri ar n-achanaichean seo a tha sinn a' tairgse do do mhòrachd dhiadhaidh, a' guidhe ort thu an eaglais dhomhanta a bheothachadh an-còmhnaidh le spiorad na fìrinne na aonachd agus na rèite agus deònaich dhaibhsan uile a tha ag aideachadh d' ainm naoimh co-chomhfhurtachd ann am fìrinn d' fhacail naoimh agus am beatha a chaitheamh ann an aonachd agus ann an gràdh diadhaidh.
Tha sinn a' guidhe ort thu èisdeachd ruinn, a dheagh Thighearna.
Tha sinn a' guidhe ort cuideachd thu na rìghrean, na prionnsachan agus na riaghladairean gu lèir a shàbhaladh agus a dhìon agus gu h-àraid do bhan-seirbhiseach, Ealasaid, ar bànrigh agus na h-uile aig a bheil ùghdarras foidhpe los gum bi sinn air ar riaghladh gu diadhaidh, sàmhach.

Thoir gràs Athar Nèamhaidh do na h-easbaigean, do na sagairtean agus do na diagain gu lèir agus gu h-àraid do do sheirbhiseach, ar n-easbaigne, los gun nochd iad a-mach d' fhacal fìor agus beò ar aon lem beatha agus len teagasg agus gum fritheil iad gu ceart agus gu h-iomchaidh do shàcramaidean naomha.

Agus thoir do ghràs nèamhaidh do do shluagh air fad agus gu h-àraid don choithional seo a tha an làthair, los gun cluinn iad agus gun gabh iad ri d' fhacal naomh gu fìrinneach a' dèanamh seirbheis dhut ann an naomhachd agus ann an ionracas fad làithean am beatha.

Tha sinn gu h-iriosal a' guidhe ort, a Thighearna, thu bho do mhaitheas comhartachd agus cobhair a thoirt dhaibhsan uile a tha fo thrioblaid, fo bhròn, fo uireasbhaidh, fo thinneas no fo àmhghair sam bith eile anns a' bheatha dhiombuan seo.

Tha sinn a' toirt suas do do chùram tròcaireach, a Thighearna, do sheirbhisich uile a dh'imich bhon bheatha seo, nad chreideamh agus ann am fathamas dhut, a' guidhe ort thu soillse agus sìth maireannach a bhuileachadh orra.

Agus tha sinn a' toirt suas dhut moladh ro-àrd agus taing dùrachdach airson a' ghràis mhiorbhailich agus airson an nearta a dh'fhoillsicheadh nad naoimh uile agus gu h-àraid anns an Òigh Bheannaichte Moire, màthair do mhic, Iosa Crìosd, ar Tighearna agus ar Dia, agus anns na prìomh athraichean naomha, anns na fàidhean, anns na h-abstoil agus anns na martairean, a' guidhe ort thu gràs a thoirt dhuinne los gun lean sinn eisimpleir am bunaideachdsan nad chreideamh agus nan umhlachdsan do dh'àitheantan naomha. Deònaich seo, athar, air sgàth Iosa Crìosd ar n-aon eadar-mheadhanar agus fear-tagraidh. Àmen

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ùrnaighean Gàidhlig 7

1980an

ùrnaighean; claistinneach

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Bill Sinclair Audio: Gaelic Prayers