Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Griogal Cridhe
EXTERNAL ID
HC_FM_CD2_02
DEIT
2006
LINN
2000an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Caidreachas Òran Màiri Mhòr
AITHNEACHADH MAOINE
41193
KEYWORDS
òrain
tàlaidhean
cur gu bàs
cinnidhean
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha fèill mhòr air an tàladh seo anns a' Ghaidhealtachd ged as ann ann an Siorrachd Pheairt a thachair na rudan air a bheil iomradh ann. Chaidh a dhèanamh le bean Ghriogail Ruaidh mar chumha an dèidh dha a bhith air a chur gu bàs anns a' Cheannmhor ann an 1570 fo òrdugh Chailein Chaimbeil Ghleann Urchaidh.

'S dòcha gu bheil e cheart cho math nach tuigeadh naoidhean beag faclan an tàlaidh seo: 'Dhòirt iad d' fhuil an-dè/'S chuir iad do cheann air stob daraich/Tacan beag bhod chrè'

Tha an t-òran air a sheinn an seo le Fiona J NicCoinnich, an tè a bha roimhe na Caidriche Òrain Màiri Mhòir (2002-09). Chaidh Obair an Òranaiche a stèidheachadh ann an 2002 gus ùidh ann an òrain Ghàidhlig a bhrosnachadh agus gus goireas a thoirt do dhaoine a bha ag iarraidh fiosrachaidh mu chàil sam bith ceangailte ri òrain Ghàidhlig.

'S e banaltram à Sgèabost an Eilein Sgitheanaich a bh' ann am Màiri Mhòr nan Òran (Màiri Nic a' Phearsain.) Rinn i tòrr òran an dèidh aois 50 anns a bheil òrain-mrich, òrain-mholaidh agus òrain shuigeartach a bharrachd air òrain a thog gearan mun dòigh san deach dèiligeadh ris na Gaidheil.

Seo faclan an òrain

'S iomadh oidhche fhliuch is thioram
Sìde nan seachd sian
Gheibheadh Griogal dhomhsa creagan
Ris an gabhainn dìon

Sèist

Òbhan, òbhan òbhan ìri
Òbhan ìri ò!
Òbhan, òbhan òbhan ìri
'S mòr mo mhulad 's mòr.

Dhìrich mi dhan t-seòmar mhullaich
'S theirinn mi 'n taigh-làir
'S cha d'fhuair mise Griogal Cridhe
Na shuidhe mun chlàr

Eudail mhòir a shluagh an domhain
Dhòirt iad d' fhuil an dè
'S chuir iad do cheann air stob daraich
Tacan beag bhod chrè.

B'annsa bhith le Griogal Cridhe
Teàrnadh chruidh le gleann
Na le Baran mòr na Dalach
Sìoda geal mum cheann.

Tha Fiona NicCoinnich, neach-obrach Caidreachas Mairi Mhòr aig Comhairle na Gàidhealtachd, air leabhar ùr, 'Orain nan Rosach,' fhoillseachadh le 30 òran Gàidhlig à Siorrachd Rois. Seo a' chiad turas a bha a leithid seo de chruinneachadh ri fhaotainn. Tha fàradh-ciùil, teudan airson giotàr, eadar-theangachadh, notaichean mu na bàird agus dealbhan à Siorrachd Rois san leabhar. Bidh daoine eòlach air cuid dhe na h-òrain bho chèilidhean ach tha feadhainn eile ann air nach bi iad cho eòlach. Tha cuid dhiubh ùr agus cuid dhiubh sean. Bidh an leabhar seo air leth feumail do dhuine sam bith le ùidh ann an dualchas na Gàidhlig san sgìre

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Griogal Cridhe

2000an

òrain; tàlaidhean; cur gu bàs; cinnidhean; claistinneach

Caidreachas Òran Màiri Mhòr

Seinn! o ho ro Seinn! (CD)