Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Pàdraig na Beinne
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_013
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
41194
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Pàdraig na Beinne.

Bha fear ann uaireigin ris an canadh iad Pàdraig na Beinne. Thug iad an t-ainm seo air a chionn 's gu robh tuathanas beag aige air taobh beinne. Bha an duine seo agus a bhean gu math toilichte le 'n saoghal. Bha iad cho mòr aig a chèile 's gu robh ise dhen làn bheachd nach robh aon duine air an t-saoghal a dhèanadh rud sam bith cho math 's a dhèanadh Pàdraig e. Cha robh an tuathanas ach glè bheag, mar gum biodh croit ann, ach 's ann leotha fhèin a bha e, bha beagan airgid aca air a chur ma seach, agus bha dà bhò aca anns a' bhàthaich. Mar sin, bha iad glè mhath dheth agus bha an dithis aca cho sona 's a bha an latha cho fada, iad fhèin agus Dòmhnall Beag, an gille.

Latha dhe na làithean nach ann a thuirt a bhean ri Pàdraig, "Cha chreid mi fhìn, a ghaoil, nach bu chòir dhuinn tè dhe na mairt a thoirt don bhaile mhòr gus a reic. Ma gheibh sinn prìs oirre bidh beagan airgid againn a thuilleadh air na tha againn air a chur ma seach. Chan eil feum againne air an dà mhart co-dhiù. Tha pailteas bainne aig aon tè dhuinne."

Cha tuirt Pàdraig riamh na bheatha gu robh a bhean ceàrr. Gun dàil, mar sin, thog e air, e fhèin agus a' bhò, gus a reic anns a' bhaile mhòr. Ach, mo thruaighe, an uair a ràinig esan am baile cha robh aon duine an sin a bha ag iarraidh a ceannach.

"Seadh dìreach," thuirt Pàdraig ris fhèin, "sin mar a tha. Cha eil cothrom air, agus chan eil air ach gu feum mi tilleadh dhachaigh air an t-slighe air an tàinig mi. Chan eil an t-astar air ais dhachaigh dad nas fhaide na an t-slighe don bhaile." Agus ghabh Pàdraig air ais dhachaigh air a shocair fhèin, le ceum sìtheil, socair, mall, e fhèin agus a' bhò.

Cha robh e air a dhol ro fhada air a shlighe an uair a thachair am fear seo ris aig an robh each ri a reic. Bha Pàdraig an dùil gum b' fheàrr dha each a bhith aige na bò. Rinn e fhèin agus am fear eile bargan, agus dh' fhalbh Pàdraig dhachaigh leis an each.

Beagan ùine an dèidh seo thachair fear eile ris aig an robh muc mhòr reamhar agus e air a shlighe leatha don bhaile mhòr. Rinn iad còrdadh ri chèile: thug Pàdraig leis a' mhuc agus bha na t-each aig an fhear eile. Cha robh e air a dhol mòran na b' fhaide air a shlighe an uair a thachair e ri fear aig an robh gobhar. Mus do sheall Pàdraig ris fhèin nach ann a bha e an dèidh 's a' ghobhar a thoirt thuige an àite na muice agus siud e air an t-slighe dhachaigh a-rithist.

Lean e air greiseag mar sin ach cha b' fhada gus an do nochd fear aig an robh caora air taod agus e a' falbh leatha don fhèill. Rinn an dithis bargan gun dàil agus a-mach Pàdraig leis a' chaora. Ach cò thachair ris an uair sin ach fear aig an robh gèadh. Chuir Pàdraig sùil anns a' ghèadh anns a' mhionaid agus thug e seachad a' chaora na àite.

Cha b' fhada, ma tha, gus an do thachair fear ris aig an robh coileach. Thuirt Pàdraig còir ris fhèin gur e an coileach cus a b' fheàrr na 'n gèadh; rinn e bargan ris an fhear eile agus a-mach a ghabh e leis a' choileach.

Bha e nis a' fàs anmoch agus bha an oidhche a' tighinn agus Pàdraig gun grèim bìdh ithe o mhadainn. Bha an duine bochd gus a tholladh leis an acras. Cha robh dad na b' fheàrr na an coileach a reic agus biadh a cheannach leis an airgead a fhuair e air. Cha bu mhòr sin ach mar a thuirt Pàdraig ris fhèin, "Is mòr is fheàrr do dhuine a bheatha bhith aige."

Cho luath 's a ghabh e grèim bidhe lean Pàdraig air gus an do ràinig e taigh caraide. A-staigh a ghabh e agus sa mhionaid thòisich a charaid a' cur cheistean air ach ciamar a chaidh an latha dha.

"Och, meadhanach math," thuirt Pàdraig, "chan eil cus adhbhair agam toileachas a dhèanamh, gun teagamh sam bith, ach dè math dhomh a bhith a' gearan?" An sin dh' innis e do a charaid, facal air an fhacal, a h-uile rud a thachair dha on dh' fhàg e an taigh anns a' mhadainn.

"Seadh, dìreach," thuirt a charaid, "ach mo thruaighe thu an uair a ruigeas tu dhachaigh. Gheibh thusa do chruaidh-fhortan an uair a chluinneas do bhean mar a thachair. Gu dearbh fhèin cha bu toigh leamsa a bhith nad àite co-dhiù. Tha rud thugad, 'ille!"

"Och," fhreagair Pàdraig, "is dòcha gu faodadh cùisean a bhith mòran nas miosa na tha iad. Tha mi a' creidsinn gun d' rinn mi cron gun teagamh. Ach eadar gun do rinn no nach do rinn cha dèan a' bhean agamsa gearan sam bith air rud sam bith a rinn mi no a nì mi."

"Sin agadsa rud a tha gu math doirbh leamsa a chreidsinn," fhreagair a charaid.

"Glè mhath, ma-tà," thuirt Pàdraig, "tha fhios agam nach eil thu gam chreidsinn, ach innsidh mise dhut gu dè nì sinn. The ceud not agamsa air a chur ma seach. Ma throideas ise riumsa an uair a thèid mi dhachaigh bidh a h-uile sgillinn agad dhut fhèin. An toir thusa dhòmhsa ceud not mura dèan i gearan rium?"

"Is mise nì sin, gu dearbh fhèin," fhreagair a charaid.

Chaidh an geall a chur mar sin. Dh' fhuirich Pàdraig còmhla ri a charaid gu beul na h-oidhche agus an sin dh' fhalbh iad le chèile gu taigh Phàdraig. A-steach le Pàdraig sa mhionaid uarach agus dh' fhuirich am fear eile a-muigh, a' cumail cluais ri claistneachd.

"Tha mi air tilleadh, a bhean," thuirt Pàdraig na Beinne. "Is math a bhith dhachaigh."

"Gu dearbh tha mi glè toilichte d' fhaicinn air ais," fhreagair a bhean, "is mise a tha sin."

Dh' fhaighnich i dheth an uair sin ciamar a chaidh dha fhad 's a bha e anns a' bhaile mhòr.

"Och, cha deachaidh ro mhath idir," fhreagair Pàdraig. "An uair a ràinig mi am baile cha robh duine an sin a bha deònach a' bhò a cheannach, agus cha d' rinn mi ach a toirt seachad air each."

"Air each, an tuirt thu?" fhreagair ise, "nach tu fhèin an duine glic, a Phàdraig. Nach sinne bhios math dheth a-nis ... faodaidh sinn a bhith mar muinntir eile na sgìre. Cha ruig sinn a leas a bhith a' coiseachd don eaglais tuilleadh. Bi falbh a-mach, a Dhòmhnaill Bhig, agus cuir an t-each fo uidheam."

"Ach chan eil an t-each againn tuilleadh," thuirt Pàdraig, "nach tug mi seachad e agus fhuair mi muc na àite."

"Smaoinich thusa air sin a-nis," fhreagair a bhean, "rinn thu dìreach mar a dhèanainn fhèin. Nach mi tha toilichte! Faodaidh mise nis feòil muice a chur air beulaibh dhaoine an uair a thig iad air chèilidh oirnn. Mach thu, a Dhòmhnaill Bhig, agus thoir biadh don mhuic."

"Fuirich," dh' èigh Pàdraig, "fuirich mionaid gus an innis mi dhut; chan eil a' mhuc idir agam. Fhuair mi gobhar na h-àite."

"Beannaich mise," ghlaodh a' bhean aige, "bu tu fhèin an duine dòigheil! Dè am feum a dhèanadh muc dhòmhsa ged a bhitheadh muc agam? Tha gobhar a-nis againn, agus cha bhi sinne gun bhainne no gun chàise tuilleadh."

"Stad ort mionaid bheag," arsa Pàdraig, "chan eil a' gobhar idir againn. Thug mi seachad i agus fhuair mi caora na h-àite."

"Och, a Phàdraig," thuirt a bhean, "tha mi a' tuigsinn glè mhath. Bha thu dìreach airson mise a thoileachadh. Sin an rud a bha thusa ag iarraidh a dhèanamh. Dè bha gobhar a' dol a dhèanamh dhuinne ged a bhiodh tè againn? Cha bhithinn fhèin 's tu fhèin ach a' dìreadh na beinne gun sgur agus ga slaodadh dhachaigh air ròpa. 'S i a' chaora fhèin fada as fheàrr, oir bheir i dhuinn clòimh is bainne, agus bith uain aice cuideachd."

"'S e sin nam biodh i againn," fhreagair Pàdraig. "Nach ann a thug mise seachad a' chaora, agus thug mi leam gèadh na h-àite."

"Nach tu bha glic!" thuirt a bhean. "Cha bhiodh caora ach na trioblaid dhuinne. Ged a bhiomaid air a marbhadh chan ann ro mhath a bha an fheòil aice air còrdadh ruinn. Chan eil feòil idir ann as fheàrr leam fhìn na feòil geòidh air a ròstadh. Siud thu, a Dhòmhnaill Bhig, bi falbh agus thoir a-steach an gèadh."

"Socair ort a-nise, socair ort! ... dh' fhalbh an gèadh agus chan eil e idir agam a-nis. Thachair duine còir rium aig an robh coileach, agus thug mi dha an gèadh air."

"Chan eil dad idir, a Phàdraig, nach dèanadh tu airson mise thoileachadh. Sin dìreach an rud a bha mi fhìn air a dhèanamh. Gu dearbh cha ruig sinne leas a ràdh tuilleadh nach eil cleoc againn. Cha bhi madainn a-nis nach dùisg an coileach ud sinn aig ceithir uairean. Bidh sinn air ar cois ann an àm a h-uile latha; cumaidh e ri uair a' bhaile sinn!"

"Ach nach mise tha luideach!" fhreagair Pàdraig. "Bheil fhios agad nach eil an coileach ud idir agam! B' fheudar dhomh a reic air tasdan air no bha mi air toirt thairis leis an acras."

"Agus nach mise, a ghràidh, a tha taingeil gun do rinn thu sin," thuirt a bhean. "Chan eil dad a tha thu a' dèanamh nach eil thu ga dhèanamh dìreach mar a dh' iarrainn fhèin. Dè am feum a tha an seo air coileach no air cleoca? Faodaidh sinne fuireach 's an leabaidh cho fad 's a thogras sinn. Is mise gu dearbh fhèin a tha taingeil gu bheil thu fhèin air tilleadh dhachaigh gu slàn, sàbhailte agus gun d' rinn thu a h-uile rud gu dòigheil, rianail, rèidh."

An sin dh' fhòsgail Pàdraig an doras agus dh' èigh e ris an fhear a bha a-muigh. "Dè do bheachd a-nise? An do bhuinig mi an geall?"

B' fheudar dha charaid aideachadh gun do rinn e sin gun teagamh sam bith, agus phàigh e an geall dha.

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Pàdraig na Beinne

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)