Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clàr-fuaim den Rondello aig Alasdair Grannd
EXTERNAL ID
HC_GRANT_RONDELLO
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
41195
KEYWORDS
fìdhlear
fìdhlearan
cluich na fìdhle
clàr-fuaim

Get Adobe Flash player

'S ann à Badan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), agus mar sin 's e 'Battan' am far-ainm a bh' air. Chuir e eòlas air dà chur-seachad na òige: fìdhleireachd agus iasgach - agus 's iad a bha mòr aige fad a bheatha. Bha e ainmeil san dà chuid; na iasgair, le bhith a' cruthachadh slat-iasgaich annasach dha fhèin, air an robh an 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhleir, le bhith an ceann Comann Gàidhealach nan Srath-spè 's nan Ruidhle fad dà fhichead bliadhna agus le bhith na dheagh eòlaiche ann an dòighean gus fidheall a thogail. Cuideachd, 's e a chruthaich fidheall chruinn, thana air an do chuir e an 'Rondello'. Gabhaidh eisimpleir den t-slat-iasgaich, den fhidhill agus den Rondello aig Grannd fhaicinn aig Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).

Sa chlàr-fhuaim ghoirid seo tha am fìdhlear Dòmhnall Riddell BEM, nach maireann, a' cluich air fear de na ciad Rondellos a rinn an Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clàr-fuaim den Rondello aig Alasdair Grannd

fìdhlear; fìdhlearan; cluich na fìdhle; clàr-fuaim

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

'S ann à Badan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), agus mar sin 's e 'Battan' am far-ainm a bh' air. Chuir e eòlas air dà chur-seachad na òige: fìdhleireachd agus iasgach - agus 's iad a bha mòr aige fad a bheatha. Bha e ainmeil san dà chuid; na iasgair, le bhith a' cruthachadh slat-iasgaich annasach dha fhèin, air an robh an 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhleir, le bhith an ceann Comann Gàidhealach nan Srath-spè 's nan Ruidhle fad dà fhichead bliadhna agus le bhith na dheagh eòlaiche ann an dòighean gus fidheall a thogail. Cuideachd, 's e a chruthaich fidheall chruinn, thana air an do chuir e an 'Rondello'. Gabhaidh eisimpleir den t-slat-iasgaich, den fhidhill agus den Rondello aig Grannd fhaicinn aig Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG). <br /> <br /> Sa chlàr-fhuaim ghoirid seo tha am fìdhlear Dòmhnall Riddell BEM, nach maireann, a' cluich air fear de na ciad Rondellos a rinn an Granndach