Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
O mhuir gu muir (19 de 19)
EXTERNAL ID
HC_STS_FROMSEATOSEA_19
DEIT
2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Bob Pegg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
41202
KEYWORDS
slighean-uisge
slighe-uisge
eilthireachd
òrain
claistinneach
Kidson Song

Get Adobe Flash player

Tha an earrann a leanas a' tighinn o 'From sea to sea', lèirmheas chlaistinneach air eachdraidh, daoine, tìr agus cultar Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir. Chaidh am pròiseact seo a chruthachadh ann an 2001 le Bob Pegg, maoinichte le Comhairle na Gàidhealtachd tron phrògram 'Slighean-uisge beò' aig 'Slighean-uisge Bhreatainn'.

Neach-labhairt: Ann an 1832, sheas bàrd eile aig Staidhre Neptune a dh'fhaicinn a bhràthar, Donnchadh Camshron, a' dol air bòrd bàta-eilthireachd a bha dol gu Astràilia. Tha an t-òran Gàidhlig a rinn e a-rithist a' tòiseachadh 'Cuimhnichidh mi gach tràth na thachair an Diardaoin seo am Banbhaidh. Ar càirdean gaolach a' falbh, agus pian ar dealachaidh.' Oir cha b' e a-mhàin gun tug Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir a-steach sluagh ùr, agus cothroman, rinn e cuideachd e, gu mì-fhortanach, na b' fhasa e do mhòran falbh. Bha cuimhne aig gille a bha fàs anns a' Ghearasdan anns na 1870an air na h-eilthirich - na h-iasgairean, na seòladairean - a' tighinn agus a' falbh bhon chidhe. Agus chuala e an t-òran seo air a thoirt beò an dèidh còrr is ceud bliadhna le clann à sgoil Caol Loch Abar.

'Willie Cameron took a notion
For to go to sail at sea
And to leave his own, dear Annie
Weeping on Fort William quay

I will buy you beads and earrings
I will buy you a diamond stone
I will buy you a horse to ride on
When your baby's dead and gone

What care I for beads and earrings
What care I for a diamond stone
What care I for a horse to ride on
When my baby's dead and gone

Willie Cameron took a notion
For to go to sail at sea
And to leave his own, dear Annie
Weeping on Fort William quay'

Neach-labhairt: Agus mar sin, dè seòrsa soithich anns an seòladh maraiche òg ri linn Uilleim Chamshroin? Ann an aon samhradh mar eisimpleir - 1839 - chaidh còrr is mìle 's dà cheud bàta tron t-slighe-uisge. Nam measg, bha an 'Rob Roy' le luchd-siubhail às Inbhir Nis a bha dèanamh air Glaschu; an 'Nelly' le sgliatan às Eisdeal gu Dùn Dèagh; an 'Kitty' le fiodh o Inbhir Farragaig gu Loch Aillse; an 'Isabella' le slatan calltainn o Thaigh an Teampaill gu 'Fisher Row'; agus an 'Speedwell' a' tarraing uisge-beatha agus sgadan on Bhroch gu Poll a' Ghrùthain. An diugh, tha na bàtaichean agus am bathar air atharrachadh, ach tha na faclan seo à seann leabhran turasachd fhathast fìor.

'Cha dìochuimhnichear gu bràth a bhith seòladh suas Slighe-uisge a' Ghlinn Mhòir, a tha ainmeil air feadh an t-saoghail. Tha na beanntan fiadhaich, sgeadaichte le giuthas, gad chuartachadh le seallaidhean drùidhteach. Dùthaich àlainn; anabarrach na sàr-eireachdas.'

Agus, a bharrachd air a bhòidhchead nàdarra, tha rud eile a tha fìor luachmhor aig Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir - an sluagh; an luchd-obrach a bha strì gus a togail; na coimhearsnachdan mu na bruaichean len cultar air an tàinig piseach; agus na criudhaichean gun àireamh a stiùir an cùrsa tron tìr fhiadhaich, on Chorpaich gu Clach na h-Aire agus air ais o mhuir gu muir

[Fidheall]

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

O mhuir gu muir (19 de 19)

2000an

slighean-uisge; slighe-uisge; eilthireachd; òrain; claistinneach; Kidson Song

Comhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council: From Sea to Sea