Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seann Cheanglaichean eadar Alba is Canada air an Comharrachadh
EXTERNAL ID
HISTORIC_LINKS_SCOT_GOVT
ÀITE
Dail nam Feart
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Albhaidh
DEIT
2010
LINN
2010an
CRUTHADAIR
Scottish Government
NEACH-FIOSRACHAIDH
Riaghaltas na h-Alba
AITHNEACHADH MAOINE
41206
KEYWORDS
bhideo
bhideothan
filmichean
fiolmaichean
eilthireachd

Get Adobe Flash player

An 12mh den Chèitean 2010, bha seirbheis ann an Dail an Abhairt, faisg air an Aghaidh Mhòir, gus beatha Sir Iain A MacDhòmhnaill, a' chiad Phrìomhaire aig Caidreachas Chanada, a chomharrachadh. Bha Iar-Àrd Choimisinear Chanada san RA, Claude Boucher, aig an t-seirbheis, far an deach càrn agus clàr a nochdadh. Bha Fearghas Ewing, Ministear do Shàbhailteachd Choimhearsnachdan Alba, an làthair cuideachd, agus am Proifeasar Seumas Mac an t-Sealgair bho Ionad Eachdraidh OGE (UHI) ann an Dòrnach.

Ghluais Sir Iain na eilthireach o Alba gu Ontario ann an 1820, còmhla ri theaghlach, nuair nach robh e ach còig bliadhna a dh'aois. B' ann an Glaschu a rugadh e, ach 's ann à Dail an Amhairt a bha a màthair. Aig aois 19, chuir Sir Iain air bhonn oifis lagha fhèin agus chaidh e a-steach gu poileataigs ann an 1841 aig aois 26. 'S e a rinneadh a' chiad Phrìomhaire aig Canada ann an 1867, dreuchd a bh' aige fad 18 bliadhna: tha an aodann aige fhathast ri fhaicinn air nota deich dolairean Chanada. Bha làmh aige ann an leasachadh Rèile Tras-dhùthchail Chanada agus stèidhich e Poileas Mharcachd Chanada, na 'Mounties'. Bha buaidh mhòr aige air dreach Chanada an-là an-diugh. Bhàsaich e ann an 1891 aig aois 76.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seann Cheanglaichean eadar Alba is Canada air an Comharrachadh

INBHIR NIS: Albhaidh

2010an

bhideo; bhideothan; filmichean; fiolmaichean; eilthireachd;

Riaghaltas na h-Alba

An 12mh den Chèitean 2010, bha seirbheis ann an Dail an Abhairt, faisg air an Aghaidh Mhòir, gus beatha Sir Iain A MacDhòmhnaill, a' chiad Phrìomhaire aig Caidreachas Chanada, a chomharrachadh. Bha Iar-Àrd Choimisinear Chanada san RA, Claude Boucher, aig an t-seirbheis, far an deach càrn agus clàr a nochdadh. Bha Fearghas Ewing, Ministear do Shàbhailteachd Choimhearsnachdan Alba, an làthair cuideachd, agus am Proifeasar Seumas Mac an t-Sealgair bho Ionad Eachdraidh OGE (UHI) ann an Dòrnach. <br /> <br /> Ghluais Sir Iain na eilthireach o Alba gu Ontario ann an 1820, còmhla ri theaghlach, nuair nach robh e ach còig bliadhna a dh'aois. B' ann an Glaschu a rugadh e, ach 's ann à Dail an Amhairt a bha a màthair. Aig aois 19, chuir Sir Iain air bhonn oifis lagha fhèin agus chaidh e a-steach gu poileataigs ann an 1841 aig aois 26. 'S e a rinneadh a' chiad Phrìomhaire aig Canada ann an 1867, dreuchd a bh' aige fad 18 bliadhna: tha an aodann aige fhathast ri fhaicinn air nota deich dolairean Chanada. Bha làmh aige ann an leasachadh Rèile Tras-dhùthchail Chanada agus stèidhich e Poileas Mharcachd Chanada, na 'Mounties'. Bha buaidh mhòr aige air dreach Chanada an-là an-diugh. Bhàsaich e ann an 1891 aig aois 76.