- TIOTAL
- Harry Lauder le èideadh Gàidhealachd air
- EXTERNAL ID
- CAITHHORZ_THUFM_PH015
- ÀITE
- neo-aithnichte
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Caithness Horizons
- AITHNEACHADH MAOINE
- 4129
- KEYWORDS
- fèistearan
neach-comadaidh, actairean
talla ciùil

Bha Sir Harry Lauder (4 Lùnastal 1870 - 26 Gearran 1950) na fhèistear thallaichean-ciùil Albannach. B' ann mar Harry Lauder a b' fheàrr a dh'aithneachaist e.
Rugadh e ann am Portobello, Dùn Èideann, an dachaigh a sheanar taobh a mhàthar, Harry MacIllFhinnein. B' ainm dha athair Iain Currie Lauder, fear de shliochd Chlann Lauder ('Lauders of The Bass'), agus b' e mhàthair tè Iseabail Urchadain NicLeòid NicIllFhinnein, a rugadh ann am Obar Bhrothaig do theaghlach às an Eilean Dubh.
Aig àrd ìre ann am meas dhaoine, faodaidh e bhith gur e am fèistear bu chliùitiche air an t-saoghal, agus e a' reic milleanan de chlàran is a' lìonadh nan tallachan bu mhotha. Nuair a bhiodh e a' gabhail nan òran a b' ainmeile aige, b' e aodach Gàidhealach a bhiodh air, mar a th' air san dealbh seo, agus e a' gabhail òran Albannach.
Rinneadh na ridire e an 1919 ag aithneachadh obair a' dèanamh dìbhearsain do shaighdearan sa Chogadh Mhòr
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Caithness Horizons