Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mo Shoraidh leis a 'Chòigich
EXTERNAL ID
PC_FIONA_MACKENZIE_DROVING_02
ÀITE
A' Chòigeach
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Murdo Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Fiona J NicCoinnich
AITHNEACHADH MAOINE
41303
KEYWORDS
dròbhairean
dròbhadh
margaidhean
Farewell to Coigach
claistinneach

Get Adobe Flash player

Mo Shoraidh leis a 'Chòigich

Chaidh an t-òran dròbhaireachd seo, air a sheinn an seo le Fiona J NicCoinnich, a dhèanamh le Murchadh MacIllEathain ann an 1910. B' e croitear a rinn siubhal a bh' ann am Murchadh, fear a dh'fhalbh o dhachaigh ann an Ros an Iar gu Billings, Montana, ann an 1900. Ann an sin bha e ann am buidheann de chìobairean is bhuachaillean Gàidhealach a dh'fhuirich ann an taigh-òsta a bh' aig luchd na Gàidhlig. Thill e mu dheireadh a dh'Alba, phòs e a leannan agus chuir e air bhonn tuathanas air an Eilean Dubh ann an 1907. (Gibson, Rob. 'Plaids & Bandanas' (2003), pp 153-4)

'S ann a fhuair mi m'àrach an taobh tuath de Alba mhòr
Far 'm bheil beanntaichean tha fasgathach is gleanntanan gu leòr
Far 'm bheil chlann-nighean as bòidhche 's as fìnealta tha beò
Is truagh nach robh mi thall leo ged bhithinn gann de'n òr.

Mo bheannachd mhòr le Mairi bho'n 's I piuthar m'athair I
B'aoibhneach a bhitheadh I's I feitheamh nochd rium fhèin
Ach 's duilich nochd's is cianail I, 's mi sgriob a-null air sail
'S mi corr's tri mile mile bho Alba ghorm an fheòir.

Mo shoraidh leis a'Choigich 's le Beinne Mhor a' cheò
Meall Dubh is Spicean Cointich far'n robh mi aotrom Òg
Tha chaora mhaol as bòidhche a' cromadh bàrr an fheòir
Is buachlaichean le suain orra a'buaichailleachd nan uan Òg

Tha còrr is seachd bliadhna le thriall mi as air falbh
'S a ghabh mi slàinte le Alba 's gach caraid innt' tha tàmh
is ged bu chruaidh an sàr e gun fhios an tillinn beò
'S e chailin donn a dh'fhàg mi a sgàin mo chridhe le bròn.

O Eilean Alba dhomhsa seach còs tha fon a' ghrèin
Chan iarrainn òr no airgead ann no fortan bhith da rèir
Ach dh'fhanainn fad mo là ann le saibhreas a bhiodh crìon
Le n' rìbhinn mhaiseach bhòidheach à Eilean Dubh mo mhiann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mo Shoraidh leis a 'Chòigich

ROS: Loch Bhraoin

2000an

dròbhairean; dròbhadh; margaidhean; Farewell to Coigach; claistinneach;

Fiona J NicCoinnich

Droving in the Highlands - Songs