Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Creag nan Seòmraichean - sgeulachd à Ìle
EXTERNAL ID
PC_SEANCHAS_ILE_BL0032
ÀITE
Ìle
SGÌRE
Ìle
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Iain MacPherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Chaluim Chille Ìle
AITHNEACHADH MAOINE
41322
KEYWORDS
os-nàdarrach
uirsgeul
uirsgeulan
beul eachdraidh
beul aithris
sìthichean
claistinneach

Get Adobe Flash player

San earrann èisteachd seo, tha Iain Mac a' Phearsain ag innse na sgeulachd Ìleach 'Creag nan Seòmraichean' dha Fraoch Dheòireach.

IM: Bha dà ghille ag obair còmhla ann an fearainn, their iad Sanaig ris.

HN: O 's e, uh-huh.

IM: Agus Oidhche na Callainn mar [nuair] a bha na àbhaist aig a h-uile duine...bhiodh iad a' dol chun taigh-sheinnse na b' fhaisge airs[h]on botal Nollaig fhaotainn. Agus co-dhiù, air an rathad air ais bha iad dìreach a' dol a-null chun àite their iad Creag na Seòm[b]raichean ris. A-nis, tha sin dìreach taobh thall far a bheil A' Choille a their iad ris, tha Creag na Seòm[b]raichean. Agus 's e airs[h]on seo a fhuair e an t-ainm Creag na Seòmraichean. Bha iad dìreach a' tighinn a-null Creag na Seòm[b]raichean agus o bha an t-àite fosgailte suas agus chitheadh thu a-staigh don chreag seo. Agus O bha daoine ann sìthmhearaich...a' dannsa is ceòl is 'Ò dìreach chum am botal' thuirt aon de na...gillean na chompanach. 'Chum am botal dhomh an ceartuair is tha mi a' dol a-staigh seo.' Tha iad ag ràdh gun tarraing, gu bheil feadhainn, cuid de dhaoine ann agus tha e a' tarraing [mhòr] aig an leithid sin orra. Co-dhiù, ghabh e 'Ò na tig a-staigh a' sin' thuirt a companach ris mar a mhandadh e, cha mhandadh e stad a chur air agus a-staigh a chaidh e. Co-dhiù, bha sin gu math agus cha robh ach an dèidh a' dol a-staigh agus dhrùin a' chreag. Chan aithneachadh tu gun robh stuth a-riamh ann. Ruig an duine dhachaidh agus bha e ag innse an naidheachd, ach bha am botal aige fhè' agus botal a' chompanach aige agus bha iad a' dèanadh a-mach a' sin gun do mharbh e, a chompanach, airs[h]on am botal dram. Agus bha iad a' dol a chrochadh dìreach...

HN: Mar shin?

IM: Bha. 'Ò uill,' thuirt an gille 'ma bheir sibh dhomh bliadhna agus mur an till mi le mo chompanach an ceann bliadhna faodaidh tu a' sin mo chrochadh.' Bha sin gu math. D' fholbh e agus mar a b' àbhaist agus chaidh e a-null agus bha a' ghealach freagarrach, chan eil fhios 'am dè dh' fheumas a' ghealach a bhith ach bha a h-uile stuth freagarrach co-dhiù. Agus sheo agad, bha a' chreag fosgailte a-rithist agus bha iad a' smùideadh air dannsadh. Agus an trò seo thug e leis sgian air a dhèanadh le airgead agus coileach agus am Bìoball. Agus chaidh e a-staigh agus thuirt e ris a' chompanach, 'Seo seo' thuirt esan 'a-mach às a' seo.' 'Ò chan eil mi ach an dèidh a' chiad danns'' thuirt esan. Tha iad ag ràdh gu bheil an ùine...

HN: ...a' dol seachad cho clis.

IM: Tha. Tha e a' dol seachad cho clis. 'Chan eil mise ach an dèidh a' chiad danns'' thuirt esan. 'Chan eil,' 'o tha'...agus ruig e air làimh agus thug e a-mach e agus lean e bha a h-uile stuth glè cheart a' sin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Creag nan Seòmraichean - sgeulachd à Ìle

EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh

2000an

os-nàdarrach; uirsgeul; uirsgeulan; beul eachdraidh; beul aithris; sìthichean; claistinneach

Ionad Chaluim Chille Ìle

Seanchas Ìle