Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Guma Slàn Do Na Fearaibh'
EXTERNAL ID
PC_SHEILA_MACKAY_01
ÀITE
Inbhir Fhèisidh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Albhaidh
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Donald Campbell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
41323
KEYWORDS
eilthireachd
claistinneach

Get Adobe Flash player

'Guma Slàn Do Na Fearaibh', òran a chaidh a dhèanamh le Dòmhnall Caimbeul (no Dòmhnall Phàil, mar a dh'aithnicheadh e). Tha e air a sheinn an seo le Sìle NicAoidh o Bhail' Ùr an t-Slèibh.

Tha an tar-sgrìobhadh Gàidhlig seo o 'The Poetry of Badenoch' le Tòmas Sinton (1906).

Gu 'm a slàn do na fearaibh
Thèid thairis a' chuan
Gu talamh a' gheallaidh
Far nach fairich iad fuachd,
Gu 'm a slàn do na fearaibh
Thèid thairis a' chuan.

'N uair dh' fhàgas s 'n t-àit' so,
Cha chuir iad mòr-mhàl oirnn
'S cha bhi an Fheill Màrtainn
'Cur nàire 'n ar gruaidh.
Gu 'm a slàn do na fearaibh
Thèid thairis a' chuan

Gu 'm fàg sinn an tìr so
Cha chinnich aon nì ann
Tha 'm buntàt' air dol 'dhìth ann
'S cha chin iad le fuachd.
Gu 'm a slàn do na fearaibh
Thèid thairis a' chuan.

Gheibh sinn sìod' agus sròl ann
Gheibh sinn pailteas de 'n chlòimh ann
'S ni na mnathan dhuinn clò dheth
Air seòl an Taoibh-Tuath.
Gu 'm a slàn do na fearaibh
Thèid thairis a' chuan

Cha bhi iad 'g ar dùsgadh
Le clag Chinne-Ghiùbhsaich
Cha bhi e gu diùbhras
Ged nach dùisg sinn cho luath.
Gu 'm a slàn do na fearaibh
Thèid thairis a' chuan

Gu talamh a' gheallaidh
Far nach fairich iad fuachd,
Gu 'm a slan do na fearaibh
Thèid thairis a' chuan.

Rugadh Dòmhnall Caimbeul (air an robh Dòmhnall Phàil) ann an Dail na Spideil, Gleann Garadh, mu 20 mìle an iar-thuath air Baile Chloichrigh. 'S e ciobair a bh' ann cha mhòr fad a bheatha, ach cuideachd bhiodh iad a' cur 'Bàrd Chinn a' Ghiùthsaich' air. Fhad 's a bha e beò thachair fuadaichean agus amannan chruaidh-chàs air a' Ghàidhealtachd is anns na h-eileanan, leithid Cion a' Bhuntàt' ann an 1848.

Chithear seo ann am bàrdachd Dhòmhnaill, gu h-àraid 'Guma Slàn do na Fearaibh', dàn a rinn e mu 1838 nuair a dh'fhalbh luchd-gabhail air Oighreachd Inbhir Fhèisidh às an dachaighean gus an lorgadh iad beatha ùr ann an Astràlia. Bha dùil gu falbhadh Dòmhnall còmhla ri buidheann dhiubh, ach dh'èirich cùisean pearsanta a chuir bacadh air. Chaidh e còmhla ris a' bhuidhinn cho fada ris an Òban far an deach 326 eilthirich gu lèir air bòrd an 'St George'. Bha iad ceithir mìosan air an t-slighe mus do ràinig an soitheach Sydney, agus còignear phàisdeanan ùra nam measg an uair sin. Bha deichnear eilthirich air bàsachadh air an t-slighe.

Tha 'Guma Slàn do na Fearaibh' am measg nan òran Gaidhlig air eilthireachd is fàgail na dùthcha as measaile aig daoine.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Guma Slàn Do Na Fearaibh'

INBHIR NIS: Albhaidh

2000an

eilthireachd; claistinneach;