Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dòighean Buain an Toraidh, Gallaibh (3 de 4)
EXTERNAL ID
QZP40_CAITHNESS_CROFTING_162
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH
LINN
1980an
CRUTHADAIR
George Sutherland
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
41437
KEYWORDS
croitearachd
croitearan
croitean
lot
lotaichean
bualadh
sùisteadh
ceangal
àm buana
fogharadh
claistinneach
buain
toradh
each

Get Adobe Flash player

Rugadh Seòras Sutharlanach, neach-fuirich Ghallaibh, ann an 1907 ann an sgìre an tuathanais 's na croitearachd.

Sa phìos chlaistinneach seo o na 1980an tha e ag innse mar a bhiodh na sguaban arbhair air an càrnadh ann an 'scroos'. Bha arbhar fliuch air a thogail an toiseach ann an tudanan no sguaban beaga ('hand-scroos') air an achadh, ach bhiodh sguaban tiorma air an càrnadh gu faiceallach ann an cruachan (gocan, cocan, daisean, torran, msaa air adhart, a-rèir sgìre na Gàidhlig) a bha mòr is cruinn, deich troighean tarsainn, le mullach cònach, biorach. Bha tomhas tarsainn a' bhuinn air a dhèanamh le comharra còig-troighean air làmh ghobhail.

Bha na cruachan seo dìonach on uisge agus dh'fheumadh sgil a dhol san togail. Bha a' chruach thogte air a còmhdach le lìon a chumadh slàn i ann an gaoth làidir. Ghabhadh arbhar a chumail fad iomadh mìos mar seo, agus a shùisteadh an uair sin tron gheamhradh nuair a bhiodh feum air.

(tras-sgrìobhadh shlàn ri leantainn a dh'aithghearr)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dòighean Buain an Toraidh, Gallaibh (3 de 4)

GALLAIBH

1980an

croitearachd; croitearan; croitean; lot; lotaichean; bualadh; sùisteadh; ceangal; àm buana; fogharadh; claistinneach; buain; toradh; each

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Caithness Recordings: Crofting & Farming