Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Camanachd air a' Ghàidhealtachd, 1934
EXTERNAL ID
SSA_NAIRN_SHINTY_IN_HIGHLANDS
ÀITE
Cinn a' Ghiùthsaich
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
DEIT
1934
LINN
1930s
CRUTHADAIR
Jimmy Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Sgrion na h-Alba
AITHNEACHADH MAOINE
41467
KEYWORDS
bhideothan
filmichean
fiolmaichean

Get Adobe Flash player

'S ann bho 'Camanachd air a' Ghàidhealtachd' a thàinig an earrann ghoirid seo de dh'fhilm neo-fhuaimneach dubh is geal, dèanta ann an 1934, 's cinnteach le Seumas S. Nairn. Tha an dreach slàn fada dheth mu 6 mionaidean ann am fad agus chithear ann deilbh de dhà gheama camanachd; a' chiad fhear eadar Cinn a' Ghiùthsaich is Bail' Ùr an t-Slèibh an 3mh Gearrain 1934, geama a chaidh a thrèigeadh naoi mionaidean ron deireadh air sgàth 's gun do sgaoil luchd-coimhid air an raon às dèidh connspaid le neach-loidhne; 's e an dàrna fear ath-chluich a' gheama sin às dèidh ceala-deug. 'S ann airson Cupa na Camanachd a bha iad a' cluiche. Choisinn Bail' Ùr an t-Slèibh an ath-chluich le 7 tadhal gu 0.

'S ann o Thasglann an Sgrìon Albannaich aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a thàinig a' film © NLS.

'S dòcha gur ann mar mhanaidsear air taigh-dhealbh a' Phlayhouse bho 1941 gu 1972 as fheàrr a bhios cuimhne aig muinntir Inbhir Nis air Jimmy Nairn (1900-1982). Thòisich e ag obair ann an 1915 mar thilgeadair pàirt-ùine ann an taigh-dhealbh ann am Pollockshields ann an Glaschu. B' ann an Taigh-dhealbh an Savoy ann an Dùn Èideann a fhuair e a' chiad dreuchd mar mhanaidsear ann an 1925, agus an uair sin san Regal ann an Sruighlea ann an 1934 agus ann am Playhouse Inbhir Nis ann an 1941 far an do dh?fhuirich e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1972.

Bha ùidh aige a-riamh ann am filmichean agus ann an 1931, thuirt e gur e a' chiad neach-dèanamh filmichean nach robh proifeisenta a rinn 'talkie' (film anns a bheil còmhradh). Deich bliadhna an dèidh sin, chaidh airgead a thoirt dha gus film a dhèanamh de Dheòrsa VI agus Bana-diùc York aig Caisteal Baile Mhorail. Thug e comhairle do Disney air dealbh mu Uilbheist Loch Nis.

A bharrachd air a bhith a' dèanamh 40 film air cuspairean ionadail, mòran a bh' air an cleachdadh le Bòrd Turasachd na h-Alba agus an Caledonian Society, bha gnìomhachas togail-dhealbh aige agus thog e mìltean de dhealbhan ann agus mu cuairt air sgìre Inbhir Nis, gu h-àraid anns na 1950an agus na 1960an. Tha a chruinneachadh de neagataibhean, pleataichean glainne agus dealbhan fo chùram Tasglann Dealbh na Gàidhealtachd.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Camanachd air a' Ghàidhealtachd, 1934

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

1930s

bhideothan; filmichean; fiolmaichean;

Tasglann Sgrion na h-Alba

Jimmy Nairn Films