Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr

Get Adobe Flash player

An Turas Siar, Earrann 4: Chaidh Gràinne, bana-phrionnsa àlainn, an nighean aig Àrd-Rìgh na h-Eireann, a chur fo ghealladh-pòsaidh do Fhionn MacCumhail a bha a-nis air fàs aosda. Ach thuit Gràinne ann an gaol ri Diarmad, fear de ghaisgich òga, eireachdail nam Fiann agus chuir i fo gheasaibh e gus an ruitheadh e air falbh còmhla rithe. Thàinig Fionn agus a chuid dhaoine an tòir air a' chàraid òig. Fhuair na leannanan air teicheadh le cobhair dhraoidheil bho Aonghas, Dia a' Ghràidh. Theich iad a dh' Alba, ach air an t-slighe choinnich iad ri Alda, a bha a' siubhal gu Eilean nan Daoine Beannaichte 's i a' lorg a bràthar. Dh' èist i ris an sgeulachd aca agus chuir i roimhpe nach cleachdadh ise draoidheachd gus a bràthar a lorg.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Turas Siar 4 - Eadar Dà Sheanachas

Cultar; Beul Aithris; Dealbhan beò; Clann; Eachdraidheil; Fionn; na Fianna; Diarmaid; Gràinne; Aonghas Dia gràidh; dìoghaltas; fògradh; fuadachadh; Eirinn; Crann Tara; dìoghaltas; sealg; teicheadh.

West Highland Animation

WHA - Journey West (comic books)