Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Millicent, Bain-diuc Chataibh
EXTERNAL ID
CAITHHORZ_THUFM_PH037
ÀITE
neo-aithnichte
DEIT
c.1905
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Caithness Horizons
AITHNEACHADH MAOINE
4157
KEYWORDS
uaisleachd
Millicent, Duchess Of Sutherland

Bha Millicent Fanny Sutherland-Leveson-Gower, Ban-diùc Chataibh (20 Dàmhair 1867 - 20 Lùnastal 1955) na tè-aoigheachd is na neach-leasachaidh. Rugadh am Fìobha i, an nighean bu shine aig Raibeart St Clair-Erskine, 4mh Iarla Ros Linne agus a bhean, Blanche.

Air a cho-là-bhreith aice, agus i seachd bliadhna deug a dh'aois, phòs i fear Cromartie Sutherland-Leveson-Gower, Marcas Stafford (1851 - 1913), agus cha b' fhada gus an robh i na tè-aoigheachd mhòr an Lunnainn. Ann an 1892, fhuair an duine aice an tiotal mar Dhiùc Chataibh, agus le seo na h-oighreachdan mòra air Gàidhealtachd na h-Alba, Staffordshire is Shropshire an Sasainn.

Rinn e obair leasachaidh shòisealta leithid feuchainn ri ath-bheothachadh a dhèanamh air gnìomhachasan dachaigh na clòimhe air a' Ghàidhealtachd, a' cur sgoil teicneòlais an Goillspidh, agus i na ceann-suidhe de Chomann Ghnìomhachas Dachaigheil na h-Alba.

Bha an dàrna duine aice, fear Percy Desmond Fitzgerald, na oifigear san arm agus mar seo chaidh an dithis ac' dhan Fhraing aig toiseach a' Chiad Chogaidh, ise le aonad-eiridinn na Croise Deirge. Chaidh a cur an grèim nuair a thug na feachdan Gearmailteach ionnsaigh air Namur, ach rinn i teicheadh. Bha i mu dheireadh a' ruith ospadal Breatannach na Croise Deirge an Calais suas gu deireadh a' chogaidh.

Chuir i seachad mòran dhen chòrr dhe beatha san Fhraing far an do chaochail i an 1955. Nuair a chaochail i ann am Paris, chaidh a losgadh agus thugadh an luath aice a thoirt air ais a Chataibh don chladh phrìobhaideach an Dùn Robain

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Caithness Horizons

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture