Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Braeriach, Bail' Ùr an t-Slèibh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0228_AT
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
41618
KEYWORDS
Taighean-òsta
taighean-seinnse
Braeriach
turasachd
Braeriach Hotel, Newtonmore

Tha Taigh-òsta Bhraigh Riach na laighe an ceann a deas Rathad Main ann am Baile Ùr an t-Slèibh. Air a thogail anmoch san 19mh linn, 's e Taigh-òsta an 'Temperance' a bh' air roimhe.

Gus toiseach an 19mh linn, cha robh clàr de bhaile far a bheil Baile Ùr an t-Slèibh air a cheann shuas de dh'Abhainn Spè, an ceann a deas Bàideanaich agus Srath Spè. Tha fianais ann ge-tà, gun robh àiteachan còmhnaidh agus bailtean beaga ann o chionn fhada an Gleann Beannchair faisg air làimh. 'S ann an dèidh drochaid a bhith air a togail tarsainn Abhainn Spè ann an 1756, agus nam fuadaichean aig deireadh an 18mh linn, a thogadh baile beag air an rathad ùr gu tuath. A rèir an Treas Cunntais Àireamhail chaidh am baile a stèidheachadh le Seumas Mac a' Phearsain, mac do Sheumas Mac a' Phearsain a "dh'eadar-theangaich" bàrdachd Òisein.

B' e Stonemuir a bh' air a' bhaile o thùs, ach fhuair e an t-ainm Baile Ùr an t-Slèibh ro 1828. Aig toiseach an 19mh linn, bha na fèilltean cruidh a bu mhotha eadar Inbhir Nis agus an Eaglais Bhreac gan cumail an seo. Air sgàth ùidh Banrigh Bhictòria anns a' Ghàidhealtachd - bha i air tadhal air Àird Mhairgidh faisg air làimh agus air smaoineachadh ma cheannach - dh'fhàs Baile Ùr an t-Slèibh mar àite airson saor-làithean, agus bhitheadh na h-uaislean a' sealg agus ag iasgach air na h-oighreachdan mòra.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Braeriach, Bail' Ùr an t-Slèibh

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

2000an

Taighean-òsta; taighean-seinnse; Braeriach; turasachd

Andrew Taylor

Tha Taigh-òsta Bhraigh Riach na laighe an ceann a deas Rathad Main ann am Baile Ùr an t-Slèibh. Air a thogail anmoch san 19mh linn, 's e Taigh-òsta an 'Temperance' a bh' air roimhe. <br /> <br /> Gus toiseach an 19mh linn, cha robh clàr de bhaile far a bheil Baile Ùr an t-Slèibh air a cheann shuas de dh'Abhainn Spè, an ceann a deas Bàideanaich agus Srath Spè. Tha fianais ann ge-tà, gun robh àiteachan còmhnaidh agus bailtean beaga ann o chionn fhada an Gleann Beannchair faisg air làimh. 'S ann an dèidh drochaid a bhith air a togail tarsainn Abhainn Spè ann an 1756, agus nam fuadaichean aig deireadh an 18mh linn, a thogadh baile beag air an rathad ùr gu tuath. A rèir an Treas Cunntais Àireamhail chaidh am baile a stèidheachadh le Seumas Mac a' Phearsain, mac do Sheumas Mac a' Phearsain a "dh'eadar-theangaich" bàrdachd Òisein.<br /> <br /> B' e Stonemuir a bh' air a' bhaile o thùs, ach fhuair e an t-ainm Baile Ùr an t-Slèibh ro 1828. Aig toiseach an 19mh linn, bha na fèilltean cruidh a bu mhotha eadar Inbhir Nis agus an Eaglais Bhreac gan cumail an seo. Air sgàth ùidh Banrigh Bhictòria anns a' Ghàidhealtachd - bha i air tadhal air Àird Mhairgidh faisg air làimh agus air smaoineachadh ma cheannach - dh'fhàs Baile Ùr an t-Slèibh mar àite airson saor-làithean, agus bhitheadh na h-uaislean a' sealg agus ag iasgach air na h-oighreachdan mòra.