Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-Òsta Srath-Pheofhair, Spà Srath Pheofhair
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1121_AT
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
41624
KEYWORDS
taighean-òsta
togalaichean
ailtireachd
The Strathpeffer Hotel, Strathpeffer Spa

Tha an dealbh seo a' sealltainn Taigh-Òsta Srath-Pheofhair ann an Srath Pheofhair. Thogadh e anns an 19mh linn agus tha e ri fhaicinn fhathast air rathad Inbhir Pheofharainn, beagan seachad air a' chearnaig. Tha an co-chothromachadh air an aghaidh air a bhriseadh le tùr ochd-taobhach air an taobh chlì dhen togalach.

Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil) an iar air Inbhir Pheofharain ann an gleann Abhainn Pheofharain. Dh'fhàs e cliùiteach air sgàth gun do lorgadh fuarain phronnaisg ann anns na 1770an. Aig toiseach an 19mh linn, dh'ìnnis fear à siorrachd Obar Dheathain, dham
b' ainm an Dotair Moireasdan, mun chumhachd leighis aig an uisge, agus air sgàth a chomhairle, thogadh a' chiad sheomar-pumpaidh de dh'fhiodh ann an 1819.

Le taic mhòr bho Bhan-Iarla Chrombaidh, dh'fhàs Srath-Pheofhair mar Spà Bhictòrianach. Chuidich e gu mòr gun do dh'fhosgail meur Srath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich ann an 1885. Thogadh iomadh taigh-òsta spaideil agus taigh mòr Bhictòrianach a ghabhadh an luchd-turais a bha tighinn gu cunbhalach air sgàth an uisge. Gu àm a' chiad chogaidh, bhiodh mòran a' tighinn dhan bhaile, ach an dèidh sin cha robh uimhir de dh' ùidh ann.

An-diugh, bidh luchd-turais a' tighinn a-rithist gu Srath Pheofhair, agus a' fuireach anns na taighean-òsta agus taighean-aoigheachd Bhictorianach. Am measg nan goireasan anns a' bhaile, tha Taigh-tasgaidh na Cloinne, Pàillean Spàtha Srath Pheofhair, agus an Seòmar-Phumpaidh Àrd far am faigh iad blasad dhen uisge.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-Òsta Srath-Pheofhair, Spà Srath Pheofhair

ROS: Fothraitidh

2000an

taighean-òsta ; togalaichean; ailtireachd