Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ostail na h-Òigridh, Srath Pheofhair
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1126_AT
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
41625
KEYWORDS
ostail na h-òigridh
togalaichean
ailtireachd
Strathpeffer Youth Hostel

Tha an dealbh seo a' sealltainn Ostail na h-Òigridh an taobh an iar Srath Pheofhair. Thogadh i o thùs leis an Dotair Moireasdan à Obar Dheathain, a thàinig a dh'fhuireach dhan bhaile nuair a mhothaich e gun robh uisge o fhuaran Srath Pheofhair a' toirt leigheas dha o thinneas nan alt. B' e Taigh Elrick a thug e air an taigh ùr aige. Aig a' cheann thall, fhuair Comann Ostailean na h-Òigridh an Alba an taigh, agus chuir iad gu feum e mar ostail òigridh gu 2002.

Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil) an iar air Inbhir Pheofharain ann an gleann Abhainn Pheofharain. Dh'fhàs e cliùiteach air sgàth gun do lorgadh fuarain phronnaisg ann anns na 1770an. Aig toiseach an 19mh linn, dh'ìnnis fear à siorrachd Obar Dheathain, dham
b' ainm an Dotair Moireasdan, mun chumhachd leighis aig an uisge, agus air sgàth a chomhairle, thogadh a' chiad sheomar-pumpaidh de dh'fhiodh ann an 1819.

Le taic mhòr bho Bhan-Iarla Chrombaidh, dh'fhàs Srath-Pheofhair mar Spà Bhictòrianach. Chuidich e gu mòr gun do dh'fhosgail meur Srath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich ann an 1885. Thogadh iomadh taigh-òsta spaideil agus taigh mòr Bhictòrianach a ghabhadh an luchd-turais a bha tighinn gu cunbhalach air sgàth an uisge. Gu àm a' chiad chogaidh, bhiodh mòran a' tighinn dhan bhaile, ach an dèidh sin cha robh uimhir de dh' ùidh ann.

An-diugh, bidh luchd-turais a' tighinn a-rithist gu Srath Pheofhair, agus a' fuireach anns na taighean-òsta agus taighean-aoigheachd Bhictorianach. Am measg nan goireasan anns a' bhaile, tha Taigh-tasgaidh na Cloinne, Pàillean Spàtha Srath Pheofhair, agus an Seòmar-Phumpaidh Àrd far am faigh iad blasad dhen uisge

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ostail na h-Òigridh, Srath Pheofhair

ROS: Fothraitidh

2000an

ostail na h-òigridh ; togalaichean; ailtireachd