Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta na Gàidhealtachd mar a bh' ann roimhe ann an Inbhir Narann.
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2796_AT
ÀITE
Inbhir Narann
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann
DEIT
2010
LINN
2010an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
41632
KEYWORDS
taighean-òsta
togalaichean
ailtireachd
Formerly the Highland Hotel in Nairn

Bha e air a dheilbh le Donnchadh Camshron agus air a thogail ann an 1896. 'S e taigh-òsta an Stèisein a bh' air roimhe. Bha daoine glè dhèidheil air an taigh-osta seo anmoch ann an linn Bhictoria nuair a bha Inbhir Narann na àite turasachd glè thrang.

Tha Inbhir Narann na bhorgh rìoghail air oir a deas Linne Mhoireibh mu 16 mìle bho Inbhir Nis. 'S e 'Invernairn' a bh' air uaireigin ann am Beurla, dìreach mar a tha sa Ghàidhlig, leis mar a bha e aig beul Abhainn Narann. Mus tàinig Rèile Inbhir Nis is Inbhir Narann ann an 1855, bha Inbhir Narann na bhaile de mhargaidh is de thuathanachd na b' fhaide bhon chost na am Bail' Iasgaich, àite iasgaich aig muinntir Lochlainn, tha a h-uile coltas, a thàinig a dh'fhuireach ro 1000AD.

San t-16mh linn bha measgachadh de Ghàidheil le Gàidhlig agus de dhaoine on ear-thuath le Beurla no Albannach ann an Inbhir Narann. Tha e air a chlàradh gum biodh Seumas VI agus l a' bòstadh gu robh baile aige ann an Alba a bha cho fada 's gum bruidhneadh daoine aig aon cheann na sràide cànan eile bho na daoine aig a' cheann eile.

'S e a' phàirt as ùire de dh'Inbhir Narann am baile turasach Bhictorianach a dh'fhàs suas, às dèidh tighinn na rèile, timcheall air a' Bhail' Iasgaich a bh' ann. Thàinig am baile gu bhith na ionad spà iomraiteach mar thoradh air buadhan leigheasach sàl na mara san sgìre, na tràighean fada gainmhiche agus an aimsir thioram ghrianach. Chaidh taighean mòra eireachdail Bhictorianach agus taighean-òsta uasal an togail gus frithealadh air an àireamh na bu mhotha de luchd-turais. Chaidh goireasan eile an leasachadh cuideachd, nam measg am promanàd, pàilleann nan còmhlan-ciùil agus dà raon goilf

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta na Gàidhealtachd mar a bh' ann roimhe ann an Inbhir Narann.

SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann

2010an

taighean-òsta ; togalaichean; ailtireachd