Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Inbhir Garaidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5626_AT
ÀITE
Inbhir Garadh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
41633
KEYWORDS
taighean-mòra
taighean-òsta
Gleann Garadh
Ellice
caistealan
Dòmhnallaich
Clach an Fhithich
Seanalair Monk
Teàrlach Eideart Stiùbhart
Am Prionnsa Teàrlach
Seumasaich
Invergarry House

Tha an dealbh seo a' sealltainn Taigh-òsta Chaisteil Ghleanna Garadh, air an robh an t-ainm Taigh Inbhir Garadh aig aon àm, suidhichte air cladach Loch Omhaich.

Chaidh an taigh mòr seo a thogail eadar 1866 is 1869 airson an uachdarain is an neach-poileataigs
Edward Ellice (1810-1880), agus chaidh a dhealbhadh leis an ailtire David Bryce. Chaidh stàball a dhealbhadh le J. Macvicar Anderson agus a chur ris ann an 1875-76.

Na sheasamh air 'Creag an Fhithich' tha Caisteal Inbhir Garadh, làrach seann taigh tùir bhon t-seachdamh linn deug, cathair Chlann Mhic Dhòmhnaill Ghleanna Garadh, meur de Chlann Dòmhnaill a bha aithnichte mar Chlann Raghnaill Chnòideart agus Ghleanna Garadh. Chaidh Caisteal Inbhir Garadh a chur na theine agus a mhilleadh leis an t-Seanailear Monk ann an 1654, chaidh a dhèanamh suas às ùr le Raibeart MacNeacail timcheall air 1670, ach chaidh a mhilleadh agus a chàradh a-rithist às dèidh ar-a-mach 1715 agus 1745. Ghabh am Prionnsa Teàrlach fasgadh ann às dèidh Blàr Chùil Lodair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Inbhir Garaidh

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

2000an

taighean-mòra; taighean-òsta; Gleann Garadh; Ellice; caistealan; Dòmhnallaich; Clach an Fhithich; Seanalair Monk; Teàrlach Eideart Stiùbhart; Am Prionnsa Teàrlach; Seumasaich