Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Silverfjord, Cinn a' Ghiùthsaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5687_AT
ÀITE
Cinn a' Ghiùthsaich
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
41634
KEYWORDS
Bàideanach
togalach
toglaichean
Silverfjord Hotel, Kingussie

San dealbh seo chithear Taigh-òsta Silverfjord ann an Cinn a' Ghiùthsaich, baile beag mu 70cil deas air Inbhir Nis.

Ro mheadhan/deireadh an 18mh linn b' e am prìomh bhaile san sgìre seo Ruadhainn, air taobh thall Abhainn Spè bho Chinn a' Ghiuthsaich. Bha caisteal air a bhith aig Ruadhainn bhon 14mh linn co-dhiù, a bh' air a losgadh le na feachdan Seumasach ann an 1746 agus an uair sin air fhàgail, agus thogadh Gearastan Ruadhainn na àite ann an 1724.

Bha dol sìos Ruadhainn air a ghreasad le togail drochaid tarsainn na Spè aig Ralia a ghabh àite na h-aiseig aig Ruadhainn, agus le co-dhùnadh Diùc Ghòrdain aig deireadh an 18mh linn Cinn a' Ghiùthsaich a shuidheachadh mar ionad dèanaimh-chlòimhe. Chruthaich Diùc Ghòrdain, leis an robh oighreachd Chinn a ' Ghiuthsaich aig an àm sin, baile dealbhaichte agus chuir e grunn mhuilnean air bhonn - ann an 1799 shanasaich e làraich-togail sa bhaile a bha rin reic ri "Tradesmen, Manufacturers and Shop-keepers who may be inclined to settle there". Cha deach leis an iomairt leasachaidh seo agus cha do dh'fhàs e ach beagan, ach ri linn fosgladh Rèile Inbhir Nis agus Ceangal Pheairt ann an 1863, a bha a' dol tro Chinn a' Ghiuthsaich, thàinig soirbheachadh ùr agus leasachadh dhan bhaile

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Silverfjord, Cinn a' Ghiùthsaich

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

2000an

Bàideanach; togalach; toglaichean

Andrew Taylor

San dealbh seo chithear Taigh-òsta Silverfjord ann an Cinn a' Ghiùthsaich, baile beag mu 70cil deas air Inbhir Nis.<br /> <br /> Ro mheadhan/deireadh an 18mh linn b' e am prìomh bhaile san sgìre seo Ruadhainn, air taobh thall Abhainn Spè bho Chinn a' Ghiuthsaich. Bha caisteal air a bhith aig Ruadhainn bhon 14mh linn co-dhiù, a bh' air a losgadh le na feachdan Seumasach ann an 1746 agus an uair sin air fhàgail, agus thogadh Gearastan Ruadhainn na àite ann an 1724.<br /> <br /> Bha dol sìos Ruadhainn air a ghreasad le togail drochaid tarsainn na Spè aig Ralia a ghabh àite na h-aiseig aig Ruadhainn, agus le co-dhùnadh Diùc Ghòrdain aig deireadh an 18mh linn Cinn a' Ghiùthsaich a shuidheachadh mar ionad dèanaimh-chlòimhe. Chruthaich Diùc Ghòrdain, leis an robh oighreachd Chinn a ' Ghiuthsaich aig an àm sin, baile dealbhaichte agus chuir e grunn mhuilnean air bhonn - ann an 1799 shanasaich e làraich-togail sa bhaile a bha rin reic ri "Tradesmen, Manufacturers and Shop-keepers who may be inclined to settle there". Cha deach leis an iomairt leasachaidh seo agus cha do dh'fhàs e ach beagan, ach ri linn fosgladh Rèile Inbhir Nis agus Ceangal Pheairt ann an 1863, a bha a' dol tro Chinn a' Ghiuthsaich, thàinig soirbheachadh ùr agus leasachadh dhan bhaile