Ùrachadh mu Dheireadh 10/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Drochaid Neithich, Drochaid Neithich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_5798_AT
ÀITE
Drochaid Neithich
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Obar Neithich 's Cinn Chàrdainn
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
41637
KEYWORDS
taighean-òsta
togalaichean
ailtireachd
rèileannan
rèilichean
Nethy Bridge Hotel, Nethy Bridge

San dealbh seo chithear Taigh-òsta Drochaid Neithich ann am baile beag Drochaid Neithich a tha na laighe mu 8km an iar-dheas air Baile nan Granndach. Chaidh an taigh-òsta a thogail ann an 1898 agus chaidh a leudachadh grunn tursan san 20mh linn.

Mus tàinig an rèile don bhaile ann an 1863, 's e Obar Neithich a bh' air a' bhaile. Chaidh an t-ainm ùr a chur air, Drochaid Neithich, gus am biodh fios gur e àite diofraichte a bh' ann ris an Obar Neithich eile, far an robh Rèile Mòr Alba a Tuath a' stad mar tha. Tha an t-ainm Drochaid Neithich a' buntainn don drochaid sa bhaile aig a bheil trì boghannan agus a chaidh a dheilbh le Tòmas Telford. Chaidh an drochaid sin fhosgladh ann an 1806. Dhùin an rèile a bha a' ruith tro Dhrochaid Neithich anns na 1960an.

Bha gnìomhachas an fhiodh na mheadhan aig an eaconamaidh sgìreil san 18mh 's san 19mh linn agus bha àireamh de mhuilnean-sàbhaidh san sgìre. Aig àm an Dàrna Cogaidh bha fireannaich o Bhuidheann Forsaireachd Chanada agus o Nèibhidh Newfoundland ag obair à campaichean ann an Coille Obar Neithich fhad 's a bha iad a' buain 's a' deasachadh chraobhan giuthais Albannach airson cuideachadh a' chogaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Drochaid Neithich, Drochaid Neithich

INBHIR NIS: Obar Neithich 's Cinn Chàrdainn

2000an

taighean-òsta; togalaichean; ailtireachd; rèileannan; rèilichean

Andrew Taylor

San dealbh seo chithear Taigh-òsta Drochaid Neithich ann am baile beag Drochaid Neithich a tha na laighe mu 8km an iar-dheas air Baile nan Granndach. Chaidh an taigh-òsta a thogail ann an 1898 agus chaidh a leudachadh grunn tursan san 20mh linn.<br /> <br /> Mus tàinig an rèile don bhaile ann an 1863, 's e Obar Neithich a bh' air a' bhaile. Chaidh an t-ainm ùr a chur air, Drochaid Neithich, gus am biodh fios gur e àite diofraichte a bh' ann ris an Obar Neithich eile, far an robh Rèile Mòr Alba a Tuath a' stad mar tha. Tha an t-ainm Drochaid Neithich a' buntainn don drochaid sa bhaile aig a bheil trì boghannan agus a chaidh a dheilbh le Tòmas Telford. Chaidh an drochaid sin fhosgladh ann an 1806. Dhùin an rèile a bha a' ruith tro Dhrochaid Neithich anns na 1960an. <br /> <br /> Bha gnìomhachas an fhiodh na mheadhan aig an eaconamaidh sgìreil san 18mh 's san 19mh linn agus bha àireamh de mhuilnean-sàbhaidh san sgìre. Aig àm an Dàrna Cogaidh bha fireannaich o Bhuidheann Forsaireachd Chanada agus o Nèibhidh Newfoundland ag obair à campaichean ann an Coille Obar Neithich fhad 's a bha iad a' buain 's a' deasachadh chraobhan giuthais Albannach airson cuideachadh a' chogaidh.