Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port Rìgh agus a' Chuilthionn à Geisiadar, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HC_ARCH2_1981-82_82062006
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Aonad Airc-eòlas Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
41647
KEYWORDS
Portree and Cuillins from Gershader, Portree, Skye

'S e Port Rìgh am baile as motha anns an Eilean Sgitheanach ann an Innse Gall ann an Alba. Tha an acarsaid aig Port Rìgh air a cuartachadh le bearraidhean le cidhe air a dhealbhadh le Tòmas Telford.

'S dòcha gu bheil am baile a' toirt ainm bho àm nuair a thadhail Rìgh Seumas V na h-Alba ann an 1540 ach tha connspaid ann mu dheidhinn seo air sgàth 's nach do thadhail Seumas aig àm sìtheil. Tha cuid ag ràdh gur ann à Port Ruighe, 'slope harbour', no Port Righeadh - 'port of the hillside' a tha e. Ron t-siathamh linn deug 's e Kiltaragleann ('the church of St. Talarican in the glen') a bh' air a' bhaile.

Tha an Taigh-òsta Rìoghail na sheasamh air làrich 'Charles MacNab's Inn' far an do dh'fhàg Flòraidh NicDhòmhnaill soraidh slàn leis a' Phrionnsa Teàrlach ann an 1746.

'S e beanntan ainmeil anns an Eilean Sgitheanach a th' anns A' Chuiltheann. 'S e An Cuiltheann Dubh a th' anns an fhìor Chuilthinn gus eadar-dhealachadh a dhèanamh on Chuilthionn Dhearg thar Gleann Shligeachan. Tha An Cuiltheann Dearg nas ìsle agus air sgàth 's nach eil iad cho creagach chan eil uiread de shreap eagalach annta.

'S e Sgùrr Alasdair a' bheinn as àirde anns A' Chuiltheann Dubh agus mar sin anns an Eilean Sgitheanach fhèin aig 992 m (3255 troigh)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture