Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leas MhicLeòid, Eaglais Maol Rubha, Aoineart
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_02_030_0856
ÀITE
Aoineart
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
41648
KEYWORDS
Eaglais Aoineirt
Maol Rubha
MacLeòid Thalaisgeir
eaglaisean
tobhtaichean
cladhan
naoimh
MacLeod Enclosure, St Maelrubha's Church, Eynort, Skye

Tha ceangal bho chionn fhada ris an Naomh Maol Rubha aig ionad a' chabeil 's na h-eaglaise ann am Bòirlinn, Aoineart, san Eilean Sgitheanach. Bha ceangal aig Maol Rubha cuideachd ri àiteachan eile san Eilean agus ann an Loch Abar. Uaireannan 's e Cill Moire no Eaglais Aoineirt a chuireas iad air an eaglais. A bharrachd air seo, chaidh mias baistidh agus pàirt de chrois le snaidheadh toinnte oirre a lorg san ionad. B' e clach-uaighe a bha sa phìos-croise mus deach a thogail air falbh airson a glèidheadh sàbhailte. Tha snaidheadh cràbhach cudthromach air an dà rud agus tha cuid charraighean inntinneach sa chladh fhèin cuideachd.

A chionn 's gu robh e cho iomallach air Loch Aoineirt agus cost an iar an Eilein Sgitheanaich, b' ann air a' mhuir a chaidh cuirp nam mairbh, nam measg Clann 'IcLeòid Thalaisgeir, iar-mheur de Chlann Dùin Bheagain, a thoirt don chladh seo. Chaidh muinntir MhicLeòid a thiodhlacadh sa chaibeal, aig a bheil ballachan tiugha de sprùilleach agus a chaidh a thogail, 's cinnteach, fada sna meadhan linntean. Bha an caibeal sin na thobhtaichean ann an 1792, agus chaidh eaglais ùr a thogail air an taobh an iar dheth. Chaidh sin a thogail fada san t-17mh no tràth san 18mh linn, ach tha sin cuideachd na thobhtaichean an-diugh.

Sna 1990an chaidh tobhtaichean an dà thogalaich a neartachadh agus chaidh an cladh a sgioblachadh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leas MhicLeòid, Eaglais Maol Rubha, Aoineart

INBHIR NIS: Bracadal

1970an

Eaglais Aoineirt; Maol Rubha; MacLeòid Thalaisgeir; eaglaisean; tobhtaichean; cladhan; naoimh

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha ceangal bho chionn fhada ris an Naomh Maol Rubha aig ionad a' chabeil 's na h-eaglaise ann am Bòirlinn, Aoineart, san Eilean Sgitheanach. Bha ceangal aig Maol Rubha cuideachd ri àiteachan eile san Eilean agus ann an Loch Abar. Uaireannan 's e Cill Moire no Eaglais Aoineirt a chuireas iad air an eaglais. A bharrachd air seo, chaidh mias baistidh agus pàirt de chrois le snaidheadh toinnte oirre a lorg san ionad. B' e clach-uaighe a bha sa phìos-croise mus deach a thogail air falbh airson a glèidheadh sàbhailte. Tha snaidheadh cràbhach cudthromach air an dà rud agus tha cuid charraighean inntinneach sa chladh fhèin cuideachd.<br /> <br /> A chionn 's gu robh e cho iomallach air Loch Aoineirt agus cost an iar an Eilein Sgitheanaich, b' ann air a' mhuir a chaidh cuirp nam mairbh, nam measg Clann 'IcLeòid Thalaisgeir, iar-mheur de Chlann Dùin Bheagain, a thoirt don chladh seo. Chaidh muinntir MhicLeòid a thiodhlacadh sa chaibeal, aig a bheil ballachan tiugha de sprùilleach agus a chaidh a thogail, 's cinnteach, fada sna meadhan linntean. Bha an caibeal sin na thobhtaichean ann an 1792, agus chaidh eaglais ùr a thogail air an taobh an iar dheth. Chaidh sin a thogail fada san t-17mh no tràth san 18mh linn, ach tha sin cuideachd na thobhtaichean an-diugh. <br /> <br /> Sna 1990an chaidh tobhtaichean an dà thogalaich a neartachadh agus chaidh an cladh a sgioblachadh.