Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Màiri Mhòr nan Òran
EXTERNAL ID
KIGHF_11_16_FB
ÀITE
N/A
LINN
19l
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
41652
KEYWORDS
òranaichean
bàird
Màiri Mhòr
Màiri Mhòr nan Òran

'S i Màiri Mhòr nan Òran, banaltram à Sgèabost san Eilean Sgitheanach, am boireannach a tha anns an dealbh seo. O aois leth-cheud bliadhna rinn i mòran òran, a' dèanamh òrain eilthireachd, molaidh agus dòchais cho math ri òrain a' gearan air an làimhseachadh a fhuair Gàidheil bho dhaoine eile.

Rugadh Màiri Dhòmhnallach ann an 1821 agus dh'fhàg i an t-Eilean ann an 1847 airson a dhol a dh' Inbhir Nis airson Ìsac Mac a' Phearsain a phòsadh. Nuair a chaochail e ann an 1871, chaidh a fàgail na h-aonar agus ceathrar chloinne fo a cùram. B' ann nuair a bha i greiseag sa phrìosan agus casaid meirle na h-aghaidh a thòisich i air bàrdachd, 's i a' gearan gu robh i neochiontach agus a' cur a feirg an cèill ann am bàrdachd.

Goirid an dèidh dhi faighinn mu sgaoil, ghluais Màiri a Ghlaschu far an tug i a-mach dreuchd banaltraim agus dh'obraich i gu 1882. Fhad 's a bha i a' fuireach an sin, bhiodh i a' frithealadh cèilidhean nan Comann Gàidhealach agus a' coinneachadh riuthasan a bha air thoiseach san tagradh airson leasachadh air fearann na Gàidhealtachd. Fhuair i cliù sna h-àitean sin air sgàth na bàrdachd agus nan òran aice. Nuair a thill i dhan Eilean Sgitheanach b' i bana-bhàrd Lìg an Fhearainn a bha a' piobrachadh nan daoine sna 1880an. Bha i a' faireachdainn gun deach ana-ceartas a dhèanamh oirre fhèin, 's bha co-fhaireachdainn aice ri na daoine aice fhèin 's iad a' fulang, agus thug seo neart sònraichte don bhàrdachd aice.

Anns na h-òrain thràth aice, chuir Màiri an cèill an taic a bha i a' toirt do Theàrlach Friseal Mac an Tòisich, a sheas airson Baile Inbhir Nis ann an Taghadh 1874. An dèidh sin, chaidh i còmhla ris air cuairt-iomairt airson a thaghadh dhan phàrlamaid. Aig an àm sin bha òrain nam prìomh mheadhan air naidheachdas airson luchd-labhairt na Gàidhlig, oir cha robh pàipearan-naidheachd ann ach ann am Beurla.

Ann an 1891 chaidh leabhar fhoillseachadh air an robh 'Gaelic Songs and Poems' leis a' Bh-ph Màiri Nic a' Phearsain (Màiri nighean Iain Bhàin). Bha iad air an cur ann an sgrìobhadh bho aithris Màiri. Fhuair i cuireadh a bhith na bàrd oifigeil air Comann Clann Dòmhnaill.

B' e boireannach mòr foghainteach a bha measail air co-chomann a bh' ann am Màiri. Am measg nan caraidean aice bha an t-Oll. Iain Blackie. Bhiodh breacan a rinn i dha air an-còmhnaidh, agus chaidh a chur air a' chiste aige aig àm a thiodhlacaidh. Chaidh am pàtran a pheuntantadh mar 'Breacan Blackie' a bhiodh Màiri a' reic mar rugaichean no beannagan.

An dèidh tinneas goirid, chaochail Màiri air 3 Samhain 1898 's i a' tadhal air Port Rìgh. Chaidh a tiodhlacadh ann an cladh Gàrradh a' Chaibeil, far an do thog Teàrlach Friseal Mac an Tòisich BP carragh-cuimhne dhi. Chaidh clàr mar chuimhneachan oirre a leigeil ris ann an 1966 ann an Sgèabost san Eilean Sgitheanach.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Màiri Mhòr nan Òran

19l

òranaichean; bàird; Màiri Mhòr