- TIOTAL
- Tidsearan Sgoile Acadamaidh Mhic a; Mhuilleir còmhla ri Ceannard-sgoile Murison c.1925
- EXTERNAL ID
- CAITHHORZ_THUFM_PH052
- ÀITE
- Inbhir Theòrsa
- SIORRACHD/PARRAIST
- GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
- LINN
- 1920an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Caithness Horizons
- AITHNEACHADH MAOINE
- 4179
- KEYWORDS
- tidsearan
sgoiltean
Dealbh camara de na tidsearan aig Acadamaidh Mhic a' Mhuilleir ann an Inbhir Theòrsa sna 1920an.
Chaidh Institiùd Mhic a' Mhuilleir a thogail eadar 1859 agus 1862, agus chaidh a chur air bhonn le Alasdair Mac a' Mhuilleir, fear à Inbhir Theòrsa a bha na neach-malairt sa bhaile mus do thionndaidh e gu tuathanachas. Thàinig dìleab mhòr gu Mac a' Mhuilleir o bhràthair a phàrant, a bha na neach-malairt ann an Ameireaga a Deas. Chleachd e cuid den airgead seo gus an stèidhicheadh e an t-Institiùd. Bha co-iar-ogha dha, an t-Urr Dr Alasdair Mac a' Mhuilleir den Eaglais Aonaichte Shaor a Deas ann am Bucaidh, Siorrachd Bhanbh, cuideachd na neach-fhialaidh a' toirt maoin don Institiùd.
Chaidh an togalach tùsail a leudachadh ann an 1892 agus ann an 1900 chaidh an dàrna togalach, a tha fhathast na phàirt den sgoil, a thogail. Nuair a chaidh seo a sgrìobhadh (2010) b' ann an seo a bha Leabharlann Inbhir Theòrsa.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Caithness Horizons