Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' luchdachadh a' bhàta-smùide, 's dòchs an SS Dunara Castle, ann an Loch Sgioport
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_2_5_06
ÀITE
Loch Sgioport
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
LINN
1900an; 1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
41818
KEYWORDS
ferries
steamers
piers
Loading the steamer, possibly the SS Dunara Castle, at Lochskipport

A' luchdachadh a' bhàta-smùide, 's dòchs an SS "Dunara Castle", ann an Loch Sgioport, Uibhist a Deas uaireigin tràth anns an 20mh linn.

Chaidh an S.S. Dunara Castle ainmeachadh air tobhta caisteil air cladach an iar thuath Mhuile agus thogadh i le Màrtainn Orme. Rinn i a' chiad bhòidse air 21mh Iuchar 1875. Bha dà fhunail air a' bhàta-smùide de 423 tunna bho thùs ach chaidh funailean às ùr a chur oirre ann an 1899. A bharrachd air a bhith a' giùlan luchd, bheireadh an Dunara Castle leatha 44 pasainsear ann an ceabannan. Bha i a' seòladh gach seachdain eadar Glaschu agus Ìnnse Gall ann am mìosan an t-samhraidh. Ann am meadhan an t-samhraidh, bhiodh i cuideachd a' dol a Hiort. Chaidh a cleachdadh ann an 1930 nuair a chaidh Hiort fhàsachadh. B' e luchd-Gàidhlig às a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan a bha sa chuid bu mhotha dhen chriutha. Bha trì ginealaich de dh'aon teaghlach ag obair oirre. Chaidh an Dunara Castle a bhriseadh ann an Glaschu ann an 1948 an dèidh 70 bliadhna de sheirbheis.

'S e Uibhist a Deas an dara eilean as motha anns Na h-Eileanan Siar, mu 20 mìle a dh'fhaid is mu 7 mìle a leud. Cha mhòr nach e cladach a-mhàin a th' ann an oirthir an iar an eilein, le machair torrach air cùl na gainmhche. Tha sreath de bheanntan air an taobh sear, le Beinn Mhòr is Hecla nam measg. 'S e Loch Sgioport, Loch Aineort is Loch Baghasdal na trì lochan mara mòra air an taobh sear. Tha an t-eilean ceangailte ri Beinn a' Bhaoghla is Eirisgeigh le cabhsairean.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' luchdachadh a' bhàta-smùide, 's dòchs an SS Dunara Castle, ann an Loch Sgioport

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

1900an; 1910an

ferries; steamers; piers

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection

A' luchdachadh a' bhàta-smùide, 's dòchs an SS "Dunara Castle", ann an Loch Sgioport, Uibhist a Deas uaireigin tràth anns an 20mh linn.<br /> <br /> Chaidh an S.S. Dunara Castle ainmeachadh air tobhta caisteil air cladach an iar thuath Mhuile agus thogadh i le Màrtainn Orme. Rinn i a' chiad bhòidse air 21mh Iuchar 1875. Bha dà fhunail air a' bhàta-smùide de 423 tunna bho thùs ach chaidh funailean às ùr a chur oirre ann an 1899. A bharrachd air a bhith a' giùlan luchd, bheireadh an Dunara Castle leatha 44 pasainsear ann an ceabannan. Bha i a' seòladh gach seachdain eadar Glaschu agus Ìnnse Gall ann am mìosan an t-samhraidh. Ann am meadhan an t-samhraidh, bhiodh i cuideachd a' dol a Hiort. Chaidh a cleachdadh ann an 1930 nuair a chaidh Hiort fhàsachadh. B' e luchd-Gàidhlig às a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan a bha sa chuid bu mhotha dhen chriutha. Bha trì ginealaich de dh'aon teaghlach ag obair oirre. Chaidh an Dunara Castle a bhriseadh ann an Glaschu ann an 1948 an dèidh 70 bliadhna de sheirbheis.<br /> <br /> 'S e Uibhist a Deas an dara eilean as motha anns Na h-Eileanan Siar, mu 20 mìle a dh'fhaid is mu 7 mìle a leud. Cha mhòr nach e cladach a-mhàin a th' ann an oirthir an iar an eilein, le machair torrach air cùl na gainmhche. Tha sreath de bheanntan air an taobh sear, le Beinn Mhòr is Hecla nam measg. 'S e Loch Sgioport, Loch Aineort is Loch Baghasdal na trì lochan mara mòra air an taobh sear. Tha an t-eilean ceangailte ri Beinn a' Bhaoghla is Eirisgeigh le cabhsairean.