Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh tughaidh, Àird Eilbh
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_3_29_29
ÀITE
Àird Eilbh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1970s
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
42038
KEYWORDS
sabhal
saibhlean
àiteachas
togalaichean airson àiteachas
ailtireachd
seann thogalaichean dùthchail
tughadh
Thatched cottage at Ardelve

Tha an taigh beag seo, na chuspair aig iomadh dealbh-camara, na laighe ann an Àird Eilbh, faisg air tràigh Loch Aillse. 'S ann o mu 1840 a tha e, agus liostadh Ìre A air, agus bha daoine a' fuireach ann gu ruig tràth sna 1990an.

Chaidh an tughadh a bh' air roimhe a dhèanamh le fraoich is luachair ach tha e a-nis dèanta le luachair air a cheangal le slatan challtainn. Tha poirdse air de dh'iarann phreasach a tha a' dìon an dorais a tha am meadhan beulaibh an taighe.

Tha similear air gach gèibil, agus am fear thall nach fhaicear san dealbh seo, na eisimpleir de shimileir de bhogsa fhiodha, seòrsa nach fhaicear ach glè ainneamh. Tha an togalach dèanta le clach is sprùilleach, le ceàrnaidhean cruinn, an-diugh air a chòmhdach le gealachadh aoil.

Chaidh an taigh a chleachdadh le Bòrd Dealain-uisge Alba a Tuath ann an cuid den t-sanasachd aca. Sheall iad cucair brèagha ùr gleansach dealain ga thoirt dhan taigh, a' neartachadh a' chreids' gur e dealan an dòigh a dhol air adhart.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh tughaidh, Àird Eilbh

ROS: Loch Aillse

1970s

sabhal; saibhlean; àiteachas; togalaichean airson àiteachas; ailtireachd; seann thogalaichean dùthchail; tughadh

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection