Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uinneagan 5c - Taigh Baile Inbhir Nis
EXTERNAL ID
AB_INVTOWNHOUSE07_46
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1870s;1880s
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
421
KEYWORDS
Taigh Baile Inbhir Nis
glainne dhathte
suaicheantasan
sgiath
facail-suaicheantais
cinnidhean
Clann MhicLeòid
Caimbeulaich
Clann MhicAoidh
Inverness Town House - Windows 5c

Tha an dealbh seo a' sealltainn obair mhionaideach dhen uinneig as fhaide air an làimh chlì air a' bhalla a tuath anns a' Phrìomh Thalla, ann an Taigh Baile Inbhir Nis.

Aig a' mhullach, tha suaicheantas, sgiath agus facail-suaicheantais Chlann MhicLeòid. 'S e ceann tairbh eadar dà bhratach an ìomhaigh a tha air an t-suaicheantas. Tha an sgiath gorm le caisteal air dath an airgid agus 's e 'Murus aheneus esto' (Bi nad bhalla umha mar sin) na facail-suaicheantais.

Gu h-ìseal air an làimh chlì, tha suaicheantas, sgiath agus facail-suaicheantais nan Caimbeulach. 'S e ceann muc fhiadhaich a tha air an t-suaicheantas. Tha an sgiath air a roinn ann an cairtealan. Tha an roinn a tha gu h-àrd air an làimh chlì agus an roinn a tha gu h-ìseal air an làimh dheis air an roinn nan ochd earrannan dubha agus òr. Tha long anns gac tè dhe nacairtealan eile. 'S e 'Ne obliviscaris' (na dìochuimhnich) na facail-suaicheantais aig a' mhullach agus aig a' bhonn tha, 'Vix ea nostra voco' ('S ann aineamh a chanas mi gur ann leam a tha na rudan seo) sgrìobhte.

Air an làimh dheis, tha suaicheantas, sgiath agus facail-suaicheantais Chlann MhicAoidh. 'S e làmh a' cumail grèim air biodag an ìomhaigh a tha air an t-suaicheantas. Tha an sgiath gorm le trì cinn mucan fiadhaich agus ceann fèidh eadar dà làimh a' greimeachadh air biodagan. 'S e 'Manu forte' (le làmh làidir) na facail-suaicheantais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uinneagan 5c - Taigh Baile Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1870s;1880s

Taigh Baile Inbhir Nis; glainne dhathte; suaicheantasan; sgiath; facail-suaicheantais; cinnidhean; Clann MhicLeòid; Caimbeulaich; Clann MhicAoidh

Am Baile

Inverness Town House 2007