Ùrachadh mu Dheireadh 11/04/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fionnghal NicDhòmhnaill
EXTERNAL ID
AB_INVTOWNHOUSE07_47
ÀITE
Inbhir Nis
CRUTHADAIR
copy of an original by Allan Ramsay
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
422
KEYWORDS
Taigh Baile Inbhir Nis
dealbhan
Ailean Ramsay
Teàrlach Òg Stiùbhart
Cùil Lodair
Seumasaich
Betty Burke
Ailean MacDhòmhnaill
Cille Mhoire
Flora Macdonald

Tha an dealbh s eo d dh'Fhionnghalla NicDhòmhnaill ann am prìomh thalla Taigh Baile Inbhir Nis. 'S e leth-bhreac de dheabh le dhealbh a rinn Ailean Ramsay a tha seo.

B' ann à Uibhist a Deas a bha Fionnghal NicDhòmhnaill ach chaidh a togail anns an Eilean Sgitheanach. Tha i ainmeil airson na rinn i gus cuideachadh a thoirt do Theàrlach Òg Stiùbhart gus teicheadh an dèidh call Àr-a-amach nan Seumasach ann an 1745.

Nuair a thachair i ris a' Phrionnsa cha robh i deònach taic a thoirt dha an toiseach idir ach chaidh a brosnachadh gus a chuideachadh gus faighinn dhan Eilean Sgitheanach. Thug i chreidsinn gur e an t-searbhanta aice, Betty Burke, agus dh'iomair iad o Bheinn na Fadhla gu Port Rìgh far an deach aig a' Phrionnsa air seòladh dhan Fhràing. Chaidh Fionnghal a chur an grèim ach chaidh a leigeil mu sgaoil an dèidh sin.

Phòs Fionnghal fear Ailean MacDhòmhnaill à Cinnseaborg agus rinn iad eilthireachd gu Carolina a Tuath ann an 1774 far an robh iad an sàs ann a bhith a' trusadh Albannaich gus sabaid dha na Breatannaich ann an cogadh Saorsa Ameireaga. An dèidh dha na feachdan Breatannach call thill iad a dh'fhuireach dhan Eilean Sgitheanach. Dh'eug Fionnghal ann an 1790 agus tha i air a tiodhlacadh anns a' chladh ri taobh na h-eaglais ann an Cille Mhoire

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fionnghal NicDhòmhnaill

Taigh Baile Inbhir Nis; dealbhan; Ailean Ramsay; Teàrlach Òg Stiùbhart; Cùil Lodair; Seumasaich; Betty Burke; Ailean MacDhòmhnaill; Cille Mhoire

Am Baile

Inverness Town House 2007