- TIOTAL
- 1d Feachd nam Balach Inbhir Nàrann a' campachadh aig Cars Dhelnies, 1945
- EXTERNAL ID
- KIGHF_HF_6_05_04
- ÀITE
- Cars Dhelnies
- SIORRACHD/PARRAIST
- SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann
- DEIT
- 1945
- LINN
- 1940an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 42272
- KEYWORDS
- scoutadh
feachd nam balach
Gluaiseacht nan Gillean
buidhnean òigridh
campachadh

Campa le 1d Feachd nam Balach Inbhir Nàrann aig Cars Dhelnies ann an 1945, aig àm an Dàrna Cogaidh.
Sreath cùil, clì gu deas: Robaidh Asher; Bert Camshron; [neo-aithnichte], Jim Clark; Athall Moiraeach
Sreath aghaidh: Jim Mac an Tòisich, Teàrlach Siosalach (òg), [neo-aithnichte], [neo-aithnichte], Teàrlach Siosalach (aasta)
Na shuidhe: Seòras Moireach
Mas urrainn dhuibh cuideachadh le bhith ag aithneachadh neach sam bith eile san dealbh seo bhiodh sin air leth toilichte cluinntinn bhuaibh.
Chaidh 1d Feachd nam Balach Inbhir Nàrainn a' stèidheachadh tràth san t-samhradh 1908 le buidheann bhalach a' tighinn còmhla agus bha iad uile air iris "The Scout" a leugheadh oir bha e air a thighinn a-mach bhon Ghiblean a' bhliadhna sin. Lean seo bho foillseachadh ann am pàirt tràth ann 1908 de "Scouting for Boys" aig Baden-Powell. An dèidh ùine dheth an t-samhraoidh a' bhliadhna sin dh'fhaighnich na balaich dha Mgr Seumas Riach, am maighstir-sgoile, am Feachd a ghabhail, agus bha e na Mhaighstir Scout gu mu 1915, nuair a dhùin am Feachd air sgàth nan amannan doirbh aig àm a' Chiad Chogaidh. Chaidh am Feachd ath-bheothachadh sa Cheitean 1921, fon Àrd-maraiche Sir Heathcote Grannd a bha a' fuireach annns Na Bothachan, chun an ear air Inbhir Nàrann. Ged a tha amannan air a bhith ann nuair nach robh a' ruith ach aon earrann, tha 1d Bhuidhean Feachd nam Balach Inbhir Nàrann air a bhith a' ruith on uair sin. Ann an 1939 dh'ath-thog iad seada a bha air a cleachdadh roimhe seo ann an Dùn Dheòrsa air an fhearann ri taobh Sgoill Millbank. B' e seo a' phrìomh-ionad aca gu ochionn beagan bhliadhnaichean nuair nach gabhadh i càradh tuilleadh. Feumaidh 1d Buidheann Feachd nam Balach Inbhir Nàrann an-diugh coinneachadh ann an togalaichean sgoile. Airson iomadh bliadhna, bho 1935 gu 1995, bha Feachd Mara nam Balach soirbheachail ann an Inbhir Nàrann agus bha am prìomh-ionad aig a' chala.