Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Sir Alexander Matheson, Baronet

Tha an dealbh seo den Ridire Alasdair MacMhathain, Baran Loch Aillse, crochte san t-Seòmar Comhairle ann an Taigh a' Bhaile Inbhir Nis. Chaidh a peantadh le W.N.Owlife ann an 1879 agus chaidh a toirt dha Inbhir Nis ann an 1926.

Rugadh Alasdair MacMhathain ann an Atadal ann an 1805. Às dèidh fhoghlamachadh ann an Oilthigh Dhùn Èideann rinn e fhortan air obair malairt ann an Sìona. Thill e ann an 1839. Chleachd e a chuid saidhbhreis a' ceannach agus a' leasachadh oighreachdan air a' Ghàidhealtachd. Ann an 1840 cheannaich e oighreachd Àird an t-Sabhail agus Leitir Feàrna. Às dèidh sin, fhuair e sealbh air, am measg feadhainn eile, oighreachdan Inbhir Ìonaid, Loch Aillse, Àird Rois agus Atadal (a b' fheudar dha athair a reic).

Aig deireadh gnothaich, bha sealbh aig MacMhathain air faisg air cairteal mhillean acair de dh'fhearann ann an Siorrachd Rois agus Siorrachd Inbhir Nis, a' gabhail a-steach am fearann air fad air taobh an iar Loch Nis eadar an abhainn agus Sligh'-uisge a' Ghlinne Mhòir.

Bha MacMhathain na BhP air Sgìre Bhorghan Inbhir Nis bho 1847 gu 1868. Bha e mar mheadhan air Rathad Iarainn Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgìtheanaich a thogail agus bha e na Chathraiche air Rathad Iarainn na Gàidhealtachd airson iomadh bliadhna.

Ann an 1882, mar thaingealachd dhan t-seirbheis a thug e dhan phoball, chaidh inbhe Barain a bhuileachadh air.

Bhàsaich an Ridire Alasdair MacMhathain, Baran Loch Aillse, air 26 Iuchair 1886

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Ridire Alasdair MacMhathain, Baran

1870an

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis; BP; Buill Pàrlamaid; oighreachdan; Atadal; rathaidean iarainn; Rathad Iarainn Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgìtheanaich; Rathad Iarainn na Gàidhealtachd

Am Baile

Inverness Town House 2007