Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
1d Campa Feachd nam Bhalach Cinn a' Ghiùthsaich, 1910
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_8_20_001
ÀITE
Croit Chàrnach
SGÌRE
Badenoch
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
DEIT
An t-Iuchar 1910
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
42385
KEYWORDS
scoutadh
feachd nam balach
Gluaiseacht nan Gillean
buidhnean òigridh
campachadh
Kingussie Boy Scouts 1st Camp, 1910

Chaidh Feachd nan Balach Cinn a' Ghiùthsaich a chruthachadh ann an 1910 fo cheannas dorsair na sgoil ionadail, Mgr A. M. Mac an t-Saoir a bha air a bhith san arm mar chorpailear ann an Companaidh F de na 4mh Camshronaich. Chaidh mu 40 balach a chlàradh an toiseach. Tha an gnìomhan clàraichte ann an duilleagan a' 'Kingussie Record' (an dèidh sin am 'Badenoch Record'), a tha a' dèanamh iomradh air mèarrsan slighe, agus gnìomhan anns na cnuic mun cuairt a' bhaile. Bha an ciad campa aig Croit Càrnach (eadar Ceann a' Ghiùthsaich agus Ceann na Creige) san Iuchar 1910 a' cleachdadh teantaichean a bh' aca air iasad. Bha Còmhlan Pìoba Chinn a' Ghiùthsaich air an ceann nuair a thill iad a Chinn a' Ghiùthsaich. An ath Là Sabaid, rinn am Feachd caismeachd gu Eaglais na Paraiste, far an robh am ministear, an t-Urr. D. MacPhàrlain, a' gabhail ùidh mhòr san Fheachd, agus cha b' fhada gus an robh e na sheaplain aca. An ath bhliadhna (1911), chaidh an campa a chumail aig Croit Càrnach cuideachd.

Chaidh am Feachd a' stèidheachadh mu dhà bhliadhna gu leth an dèidh dha Baden-Powell, neach stèidheachaidh scoutadh (scouting), an leabhar aige 'Scouting for Boys' fhoillseachadh, ach cha b' e am Feachd bu tràithe sa Ghàidhealtachd oir bha Feachdan ann an Inbbhir Nis agus Inbhir Nàrannn bho co-dhiù samhradh 1908. Tha grunnan deilbh camara eile de an gnìomhan tràth air a bhith air an toirt do Thasglann Chomhairle Feachd nam Balach ann an Sgìre Inbhir Nis, nam measg aon a chaidh a thogail aig Caisteal Chluainidh le bean Mac a' Phearsain Chluainidh san Dàmhair 1912. Mhair dealbh camara à pàipear-naidheachd cuideachd den Fheachd aig Cruinneachadh Feachd nan Balach ann an 1911 a chaidh a chumail ann am Pàirce Cruinneachaidh a' Chinn a Tuath ann an Inbhir Nis aig an robh Baden-Powell an làthair.

B' e Feachd Chinn a' Ghiùthsaich aon den bheagan a mhair tron Chogadh Mhòr, ged a bha iad fo cheannas sealach. Ghabh Mgr Mac an t-Saoir thairis an ceannas a-rithist an dèidh a' chogaidh, ach a rèir coltais stad an fheachd ag obair mu dheireadh 1920. Chaidh ath-bheothachadh le Seòras Inbhir Pheofharain ann an 1935, agus chùm am Feachd seo a' dol gu 1962. Chaidh an uair sin ath-bheothachadsh airson greis aig deireadh na 1960an agus tràth sna 1970an, agus a-rithist bho 1985 gu 1999. Airson iomadh bliadhna an dèidh an Dàrna Cogaidh bha bothan aig an Fheachd a thòisich mar aon de na bothain ann an campa Ghlinn Feisidh aig àm a' chogaidh a bha fo smachd Morair Rowallan, a thàinig gu bhith na Àrd Scout. Thadhail e air a' bhothan ann an 1949.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

1d Campa Feachd nam Bhalach Cinn a' Ghiùthsaich, 1910

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

1910an

scoutadh; feachd nam balach; Gluaiseacht nan Gillean; buidhnean òigridh; campachadh

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection

Chaidh Feachd nan Balach Cinn a' Ghiùthsaich a chruthachadh ann an 1910 fo cheannas dorsair na sgoil ionadail, Mgr A. M. Mac an t-Saoir a bha air a bhith san arm mar chorpailear ann an Companaidh F de na 4mh Camshronaich. Chaidh mu 40 balach a chlàradh an toiseach. Tha an gnìomhan clàraichte ann an duilleagan a' 'Kingussie Record' (an dèidh sin am 'Badenoch Record'), a tha a' dèanamh iomradh air mèarrsan slighe, agus gnìomhan anns na cnuic mun cuairt a' bhaile. Bha an ciad campa aig Croit Càrnach (eadar Ceann a' Ghiùthsaich agus Ceann na Creige) san Iuchar 1910 a' cleachdadh teantaichean a bh' aca air iasad. Bha Còmhlan Pìoba Chinn a' Ghiùthsaich air an ceann nuair a thill iad a Chinn a' Ghiùthsaich. An ath Là Sabaid, rinn am Feachd caismeachd gu Eaglais na Paraiste, far an robh am ministear, an t-Urr. D. MacPhàrlain, a' gabhail ùidh mhòr san Fheachd, agus cha b' fhada gus an robh e na sheaplain aca. An ath bhliadhna (1911), chaidh an campa a chumail aig Croit Càrnach cuideachd.<br /> <br /> Chaidh am Feachd a' stèidheachadh mu dhà bhliadhna gu leth an dèidh dha Baden-Powell, neach stèidheachaidh scoutadh (scouting), an leabhar aige 'Scouting for Boys' fhoillseachadh, ach cha b' e am Feachd bu tràithe sa Ghàidhealtachd oir bha Feachdan ann an Inbbhir Nis agus Inbhir Nàrannn bho co-dhiù samhradh 1908. Tha grunnan deilbh camara eile de an gnìomhan tràth air a bhith air an toirt do Thasglann Chomhairle Feachd nam Balach ann an Sgìre Inbhir Nis, nam measg aon a chaidh a thogail aig Caisteal Chluainidh le bean Mac a' Phearsain Chluainidh san Dàmhair 1912. Mhair dealbh camara à pàipear-naidheachd cuideachd den Fheachd aig Cruinneachadh Feachd nan Balach ann an 1911 a chaidh a chumail ann am Pàirce Cruinneachaidh a' Chinn a Tuath ann an Inbhir Nis aig an robh Baden-Powell an làthair.<br /> <br /> B' e Feachd Chinn a' Ghiùthsaich aon den bheagan a mhair tron Chogadh Mhòr, ged a bha iad fo cheannas sealach. Ghabh Mgr Mac an t-Saoir thairis an ceannas a-rithist an dèidh a' chogaidh, ach a rèir coltais stad an fheachd ag obair mu dheireadh 1920. Chaidh ath-bheothachadh le Seòras Inbhir Pheofharain ann an 1935, agus chùm am Feachd seo a' dol gu 1962. Chaidh an uair sin ath-bheothachadsh airson greis aig deireadh na 1960an agus tràth sna 1970an, agus a-rithist bho 1985 gu 1999. Airson iomadh bliadhna an dèidh an Dàrna Cogaidh bha bothan aig an Fheachd a thòisich mar aon de na bothain ann an campa Ghlinn Feisidh aig àm a' chogaidh a bha fo smachd Morair Rowallan, a thàinig gu bhith na Àrd Scout. Thadhail e air a' bhothan ann an 1949.