Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fosgladh Drochaid An Dòrnaidh, An Giblean 1940
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_11_2_015
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
30 Giblean 1940
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
42483
KEYWORDS
drochaidean
drochaidean rathaid
Opening of Dornie Bridge, April 1940

Chaidh Drochaid an Dòrnaidh, a tha air a togail far a bheil Loch Dubhthaich, Loch Long agus Loch Aillse a' tighinn gu chèile, fhosgladh air an 30mh dhen Ghiblean 1940. Chaidh an drochaid, a tha a' ceangal Àird Eilbh agus An Dòrnaidh, a thogail an àite na bàt'-aiseig a bha a' frithealadh an dà choimhearsnachd sin, cho math ri Tobhtaig. Cha b' ann gun eas-aonta a chaidh an drochaid a thogail, agus suas ri 20 bliadhna roimhe sin, chaidh comataidh a chur air chois gus sgrùdadh a dhèanamh air na duilgheadasan còmhdhail aig taobh siar na Gàidhealtachd. Tha Donnchadh Mac a' Phearsain, a thog an dealbh seo agus a bha a' riochdachadh Loch Aillse air Comhairle na Sgìre, ag innse anns an leabhar aige, Gateway to Skye, mun mholadh aige gus an rathad a leudachadh tro Ghleann Canaich gus ceangal a dhèanamh ri rathad Inbhir Nis. Chaidh luchd-poileataigs ionadail an sàs anns a' ghnothach le aon Bhall Pàrlamaid ag ràdh gum biodh e na b' fhasa crìochan siorrachd atharrachadh na bhiodh e toirt air a' chomhairle aontachadh rathad ùr a thogail.

Mar fhreagairt eile, an àite a bhith a' leudachadh rathaidean, chaidh moladh a chur le comhairliche à Gleann Seile gus drochaid a thogail thar Loch Long. Aig a' bhòt shoirbhich leis a' mholadh airson na drochaid. Mu dheireadh thall, an dèidh bliadhnaichean de dheasbad, agus leis an drochaid air a togail ann an ùine fìor luath, a' leigeil le daoine faighinn gu luath gu làrach na cabhlaich ann an Caol Loch Aillse aig àm a' chogaidh, chaidh an drochaid fhosgladh. Cha tàinig an t-eas-aonta gu crìoch ge-tà, bhon a bha cìs airson a dhol tarsainn na drochaid a h-uile turas. Leis nach robh ach aon duine ag obair a' togail nan cìsean, thòisich daoine bhon sgìre air a' dol tarsainn air an drochaid air an oidhche agus air Didòmhnaich. Chaidh cur às dha na cìsean ann an 1946.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fosgladh Drochaid An Dòrnaidh, An Giblean 1940

ROS: Loch Aillse

1940an

drochaidean; drochaidean rathaid

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection

Chaidh Drochaid an Dòrnaidh, a tha air a togail far a bheil Loch Dubhthaich, Loch Long agus Loch Aillse a' tighinn gu chèile, fhosgladh air an 30mh dhen Ghiblean 1940. Chaidh an drochaid, a tha a' ceangal Àird Eilbh agus An Dòrnaidh, a thogail an àite na bàt'-aiseig a bha a' frithealadh an dà choimhearsnachd sin, cho math ri Tobhtaig. Cha b' ann gun eas-aonta a chaidh an drochaid a thogail, agus suas ri 20 bliadhna roimhe sin, chaidh comataidh a chur air chois gus sgrùdadh a dhèanamh air na duilgheadasan còmhdhail aig taobh siar na Gàidhealtachd. Tha Donnchadh Mac a' Phearsain, a thog an dealbh seo agus a bha a' riochdachadh Loch Aillse air Comhairle na Sgìre, ag innse anns an leabhar aige, Gateway to Skye, mun mholadh aige gus an rathad a leudachadh tro Ghleann Canaich gus ceangal a dhèanamh ri rathad Inbhir Nis. Chaidh luchd-poileataigs ionadail an sàs anns a' ghnothach le aon Bhall Pàrlamaid ag ràdh gum biodh e na b' fhasa crìochan siorrachd atharrachadh na bhiodh e toirt air a' chomhairle aontachadh rathad ùr a thogail. <br /> <br /> Mar fhreagairt eile, an àite a bhith a' leudachadh rathaidean, chaidh moladh a chur le comhairliche à Gleann Seile gus drochaid a thogail thar Loch Long. Aig a' bhòt shoirbhich leis a' mholadh airson na drochaid. Mu dheireadh thall, an dèidh bliadhnaichean de dheasbad, agus leis an drochaid air a togail ann an ùine fìor luath, a' leigeil le daoine faighinn gu luath gu làrach na cabhlaich ann an Caol Loch Aillse aig àm a' chogaidh, chaidh an drochaid fhosgladh. Cha tàinig an t-eas-aonta gu crìoch ge-tà, bhon a bha cìs airson a dhol tarsainn na drochaid a h-uile turas. Leis nach robh ach aon duine ag obair a' togail nan cìsean, thòisich daoine bhon sgìre air a' dol tarsainn air an drochaid air an oidhche agus air Didòmhnaich. Chaidh cur às dha na cìsean ann an 1946.