Ùrachadh mu Dheireadh 07/02/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Phineas Mac an Tòisich Dhruimeanach
EXTERNAL ID
AB_INVTOWNHOUSE07_50
ÀITE
Inbhir Nis
LINN
1700an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
425
KEYWORDS
Taigh a' Bhaile Inbhir Nis
deilbh
pròbhaistean
Maoin a' Mhaitheis Choitchinn
Druimeanach
Campfield
Phineas Mackintosh of Drummond

Tha an dealbh seo de Phineas Mac an Tòisich Dhruimeanach crochte san t-Seòmar Comhairle ann an Taigh a' Bhaile Inbhir Nis

Fhritheil Phineas Mac an Tòisich ceithir tursan mar Phròbhaist; bho 1770 gu 1773, 1776 gu 1779, 1782 gu 1785 agus 1788 gu 1791.

Rugadh Phineas Mac an Tòisich ann an 1725. Bha a phàrantan air grunn chloinne a chall nan naoidheanan agus chuir iad romhpa gun ainmeachadh le ainm àbhaisteach teaghlaich ach ainm a thogail air thuaiream às a' Bhìoball.

A rèir eachdraidh bha am Pròbhaist Mac an Tòisich an sàs ann an suidheachaidhean mì-onarach.

Thàinig fearann ann an sealbh a' Bhorgh còmhla ri teachd-a-steach bhuaithe gu bhith air ainmeachadh mar Maoin a' Mhaitheis Choitchinn. Ann an 1833, thug an Coimisean Rìoghail air Corporaidean Cathaireil ann an Alba iomradh air gun deach fearann an Druimeanaich, air an robh sealbh aig a' Bhorgh, a reic ann an 1783 aig nas lugha na a luach, ris a' Phròbhaist Mac an Tòisich. Ann an 1796 chaidh am fearann aig Campfield, a bha oir ri oir le fearann an Druimeanaich agus a bhuineadh cuideachd dhan Bhorgh, fhaotainn le comhairliche a b' àbhaist a bhith na Phròbhaist. Ann an geàrr-chunntas na comhairle, chaidh a ràdh gun robh am fearann neo-thorrach, rud nach robh idir fìor, agus mar sin gun deach a reic aig nas lugha na a luach. B' e Phineas Mac an Tòisich am fear-ceannach. Tha e air a ràdh gun deach tairgse nas àirde a thabhann ach gun deach a dhiùltadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Phineas Mac an Tòisich Dhruimeanach

1700an

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis; deilbh; pròbhaistean; Maoin a' Mhaitheis Choitchinn; Druimeanach; Campfield

Am Baile

Inverness Town House 2007