Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Anna Mhòr, Baile Mac Ara
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_11_5_016
ÀITE
An Clachan Aillseach
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1910s
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
42506
KEYWORDS
cairt-phost
cairt-phostachd
cuibhle-shnìomh
taighean croite
Anna Mhor, Balmacara

Chaidh a' chiad togail den dealbh-chamara seo a dhèanamh le Donnchadh Mac a' Phearsain às a Chaol, agus 's e 'Anna Mhor, Balmacara' an tiotal a th' air.

'S e seo fear de na dealbhan-camara aige de 'charactaran' agus chaidh fhoillseachadh san t-sreath 'Kyle Pharmacy'. Chuir Mac a' Phearsain a-mach grunn de na h-ìomhaighean seo mar chairtean-puist airson gnìomhachas na turasachd agus b' e an taobh dheth a bha e a' sònrachadh gur e àite romansach a bha sa Ghàidhealtachd, 's chan e an sealladh fìrinneach.

Ged b' e 'Anna Mhor, Balmacara' a' chiad tiotal a bh' aig Mac a' Phearsain air a' chairt-phuist seo, thàinig an t-aon dealbh a-mach às dèidh sin 's an tiotal 'Anna Mhor, Cul an t-saoghail, Balmacara, Kyle' air. Tha a h-uile coltas gun deach an dealbh-camara seo a thogail aig a' Chlachan Aillseach (Kirkton) faisg air a' Chaol.

Bha Mac a' Phearsain a' ruith Bùth a' Cheimigeir sa Chaol o 1912 gu 1966. Bha e cuideachd dealasach ris a' chamara. B' ann ainneamh a dheidheadh e a-mach gun a chamara, 's bha e an còmhnaidh ullamh feuch an glacadh e tighinn is falbh làitheil na sgìre. Bha a bhùth a' cumail a h-uile pìos àirneis is solar a dh'iarradh neach-turais le camara a bha a' tadhal agus bha Mac a' Phearsain cuideachd a' dèanamh chairtean-puist is foillseachaidhean a reiceadh e na bhùth.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Anna Mhòr, Baile Mac Ara

ROS: Loch Aillse

1910s

cairt-phost; cairt-phostachd; cuibhle-shnìomh; taighean croite

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection