Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aig Cladach Ealaghoil, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_11_17_007
ÀITE
Ealaghol
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
42533
KEYWORDS
Na h-Eileanan A-staigh
lochan
beanntan
oirthir
At Elgol Shore, Isle of Skye

'S e coimhearsnachd beag iasgaich agus croitearachd a th' ann an Ealaghol air cladach Loch Sgàbhaig san Eilean Sgitheanach. Le seallaidhean mìorbhaileach thar an loch gu sreath bheanntan A' Chuiltheann agus turais bàta gu Loch Coir' Uisge agus Na h-Eileanan Beaga, Canaigh, Rùm agus Eige, tha Ealaghaol o chionn fhada air a bhith na cheann-ùidhe a tha a' còrdadh ri mòran luchd-turais.

Anns an dealbh seo, leis a' cheò ìosal, tha binnein A' Chuiltheann dìreach rim faicinn ann an cùl an deilbh. Air an làimh dheis tha Sgùrr na Strì (497m) agus air an làimh chlì tha Sgùrr nan Eag (924m). Tha Loch Coir'Uisge aimeil airson a sgalan obann agus aimsir caochlaideach, a tha a' cur ri faireachdainnean anns an t-sealladh-tìre dràmadach seo. Chaidh an dealbh camara seo a thogail le Donnchadh Mac a' Phearsain leis an robh a' bhùth-chungaidhean ann an Caol Loch Aillse. Mar neach-togail-dheilbh neo-dhreuchdail bha a chamara daonnan deiseil agus dh'fhàg e dìleab mòr de dheilbh camara den Eilean Sgitheanach agus sgìre Loch Aillse bho na 1920an gu na 1960an.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aig Cladach Ealaghoil, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1930an

Na h-Eileanan A-staigh; lochan; beanntan; oirthir

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection

'S e coimhearsnachd beag iasgaich agus croitearachd a th' ann an Ealaghol air cladach Loch Sgàbhaig san Eilean Sgitheanach. Le seallaidhean mìorbhaileach thar an loch gu sreath bheanntan A' Chuiltheann agus turais bàta gu Loch Coir' Uisge agus Na h-Eileanan Beaga, Canaigh, Rùm agus Eige, tha Ealaghaol o chionn fhada air a bhith na cheann-ùidhe a tha a' còrdadh ri mòran luchd-turais.<br /> <br /> Anns an dealbh seo, leis a' cheò ìosal, tha binnein A' Chuiltheann dìreach rim faicinn ann an cùl an deilbh. Air an làimh dheis tha Sgùrr na Strì (497m) agus air an làimh chlì tha Sgùrr nan Eag (924m). Tha Loch Coir'Uisge aimeil airson a sgalan obann agus aimsir caochlaideach, a tha a' cur ri faireachdainnean anns an t-sealladh-tìre dràmadach seo. Chaidh an dealbh camara seo a thogail le Donnchadh Mac a' Phearsain leis an robh a' bhùth-chungaidhean ann an Caol Loch Aillse. Mar neach-togail-dheilbh neo-dhreuchdail bha a chamara daonnan deiseil agus dh'fhàg e dìleab mòr de dheilbh camara den Eilean Sgitheanach agus sgìre Loch Aillse bho na 1920an gu na 1960an.