Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' tighinn air tìr ann an Coir' Uisge
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_11_18_001
ÀITE
Loch Coir' Uisge
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1940
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
42538
KEYWORDS
bàtaichean
lochan
Landing at Coruisk

Ged a tha an tiotal air an dealbh camara seo ag ràdh 'Landing at Loch Coruisk', tha am bàta as lugha ann an Loch na Cuilce, òb beag ann an Loch Sgàbhaidg.

'S e loch a-staigh san tìr a th' ann an Loch Coir' Uisge a chaidh a chruthachadh le bleith eigheadail. Tha Coir' Uisge suidhichte ann am meadhan sreath bheanntan A' Chiltheann. Chaidh a pheantadh le Turner agus sgrìobhadh mu dheidhinn le Sir Bhaltair Scott agus 's e aon de na lochan as ainmeile ann an Alba. Bho mheadhan na 1800an, bha Loch Coir' Uisge na cheann-uidhe a bha a' còrdadh ri mòran luchd-turais. Gheibhear thuige air tìir no air muir agus 's e an dàrna dòigh an t-slighe as fhasa agus as luaithe. Bhiodh am buidheann seo an dàrna cuid air a' tighinn air bòrd a' bhàta ann an Ealaghol airson an turais thar Loch Sgàbhaig, no bhiodh iad air a thighinn bhon bhàta nas motha nas fhaide a-muigh san loch agus air an t-slighe ghoirid chun àite airson a thighinn air tìr a dhèanamh.

Chithear an luchsd-turais seo a' dèanamh an slighe gu faiceallach suas an àradh a tha a' stobadh a-mach dìeach os cionn toiseach a' bhàta aca. Tha structair nas susbaintich an-diugh na àite a tha ga dhèannamh tòrr nas fhasa fhaighinn air tìr. Aon uair 's gu bheil thu air tìr, tha cuairt ghoirid gu Loch Coir' Uisge.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' tighinn air tìr ann an Coir' Uisge

INBHIR NIS: An Srath

1940

bàtaichean; lochan

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection

Ged a tha an tiotal air an dealbh camara seo ag ràdh 'Landing at Loch Coruisk', tha am bàta as lugha ann an Loch na Cuilce, òb beag ann an Loch Sgàbhaidg.<br /> <br /> 'S e loch a-staigh san tìr a th' ann an Loch Coir' Uisge a chaidh a chruthachadh le bleith eigheadail. Tha Coir' Uisge suidhichte ann am meadhan sreath bheanntan A' Chiltheann. Chaidh a pheantadh le Turner agus sgrìobhadh mu dheidhinn le Sir Bhaltair Scott agus 's e aon de na lochan as ainmeile ann an Alba. Bho mheadhan na 1800an, bha Loch Coir' Uisge na cheann-uidhe a bha a' còrdadh ri mòran luchd-turais. Gheibhear thuige air tìir no air muir agus 's e an dàrna dòigh an t-slighe as fhasa agus as luaithe. Bhiodh am buidheann seo an dàrna cuid air a' tighinn air bòrd a' bhàta ann an Ealaghol airson an turais thar Loch Sgàbhaig, no bhiodh iad air a thighinn bhon bhàta nas motha nas fhaide a-muigh san loch agus air an t-slighe ghoirid chun àite airson a thighinn air tìr a dhèanamh.<br /> <br /> Chithear an luchsd-turais seo a' dèanamh an slighe gu faiceallach suas an àradh a tha a' stobadh a-mach dìeach os cionn toiseach a' bhàta aca. Tha structair nas susbaintich an-diugh na àite a tha ga dhèannamh tòrr nas fhasa fhaighinn air tìr. Aon uair 's gu bheil thu air tìr, tha cuairt ghoirid gu Loch Coir' Uisge.