Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
SS "Princess Louise" ri taobh a' chidhe an Àirigh nan Gobhar ann an Eilean Cholla
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_11_21_017
ÀITE
Àirigh nan Gobhar
SGÌRE
Tiriodh is Colla
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cola
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
42568
KEYWORDS
soithichean
aiseagan
bàtaichean
stoc
cidheachan
SS "Princess Louise" alongside the pier at Arinagour on the Island of Coll

SS "Princess Louise" ri taobh a' chidhe an Àirigh nan Gobhar ann an Eilean Cholla, 's iad an ìmpis lodaigeadh sprèidh a dhèanamh.

Chaidh an soitheach a thogail ann an 1898 do Alasdair MacPhàdraig, neach-tionnsgain às an Òban. Na shealbhsan ruith i na soitheach trang nan cuairtean samhraidh . Reic e gu Mac a' Bhriuthainn i ann an 1934 agus fada sna 1930an bha i ga cleachdadh airson giùlan sprèidh. Chaidh a sgriosadh leis an Luftwaffe sa Chèitean 1941 fhad 's a bha i san doca-thioram ann an Grianaig.

B' e an cidhe 'sa mheadhan' a bh' aca air a' chidhe seo ann an Àirigh nan Gobhar. Chaidh a thogail sna meadhan 50an, mar thoradh sa mhòr-chuid air a' bhochdainn a lean cion a' bhuntata. Chaidh gràn a chur do na h-eileanan mar shuaip do dh'obair-thogail agus bha cidhe Cholla air a mheas na chùis a b' fhiach.

Tha e coltach nach robh am 'Princess Louise' a' tadhal ach ainneamh, agus aig muir-làn cha bhiodh ach soithichean meadhanach mòr aig a' chidhe sa mheadhan. Tha fhios gun robh iad seo air tadhal : “Hebridean”, “Hebrides” (I) agus “Lochbroom”.

'S cinnteach gur ann o làithean togail bhaile Àirigh nan Gobhar ann an 1812 a tha an seann chidhe. Tha an cidhe ùr, o na 1960an, pìos nas fhaide air falbh agus 's ann thuige a tha aiseag an là-an-diugh a' dol.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

SS "Princess Louise" ri taobh a' chidhe an Àirigh nan Gobhar ann an Eilean Cholla

EARRA-GHÀIDHEAL: Cola

1930an

soithichean; aiseagan; bàtaichean; stoc; cidheachan

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection