Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Breith nan Uan, Bracadal, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_13_003_006
ÀITE
Bracadal
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
LINN
1950s
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
42575
KEYWORDS
beathaichean
caoraich
cìobairean
croitearan
Lambing, Bracadale, Isle of Skye

Tha buidheann fhireannach rim faicinn an seo 's iad air an cruinneachadh mun fhaing ann am Bracadal san Eilean Sgitheanach.

Aig diofar ràith sa bhliadhna 's e an fhaing am prìomh ionad ann am baile croitearachd. Bidh na caoraich a-muigh air a' chnoc 's air a' mhòintich ri feurach tron bhliadhna, agus bidh iad air an cruinneachadh aig an fhaing airson gun tèid rùsgadh, cliopadh, dupadh no tumadh is comharrachadh a dhèanamh. Tha na faingean air an togail le clach neo blocan chruadhtain, no feansaichean, agus geataichean aca gu diofar ceàrn a ghlèidheas na beathaichean 's far an gabh an gluasad bho chèile.

'S e baile croitearachd an taobh an iar an Eilein Sgitheanaich, faisg air an t-Sruthan, a th' ann am Bracadal. 'S e na fireannaich san dealbh, bho chlì gu deas, Pàdraig Caimbeul, Iain MacFhionghain (le uan na làmhan), Bill Streeton (air a' chùl), Donnchadh Stiùbhart agus Calum MacLeòid (air cùl a' ghàrraidh), agus Ali Willie MacNeacail (air a' bheulaibh).

B' aithne dhan a h-uile duine san àite Ali Willie Nicolson, MacNeacail, leis mar a bha a' ruith grunn ghnothachasan, nam measg Stòran Bhracadail, taigh-aoigheachd, ag obair mar an neach-clàraidh sgìreil, agus a' draibheadh bus na sgoile. 'S dòcha gum b' fhèarr a dh'aithnicheadh e air 'The Clarion of Skye', pàipear-naidheachd mìosail aig an robh e an neach-deasachaidh. Ruith am pàipear bho 1951 gu ruig an Cèitean 1957, agus facail-shuaicheantais ainmeil aige 'Onward Skye! Queen of the West'. Thug am pàipear-naidheachd àrd-ùrlar do MhacNeacail gus muinntir an Eilein a bhrosnachadh gu bhith ag iarraidh an cuid chòirean, a bhith a' gabhail uallach airson an àm ri teachd aca fhèin agus a' fuasgladh an duilgheadasan fhèin le 'their own initiative'.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Breith nan Uan, Bracadal, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Bracadal

1950s

beathaichean; caoraich; cìobairean; croitearan

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection