Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Sruthan, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_13_003_017
ÀITE
An Sruthan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
LINN
1920s
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
42577
KEYWORDS
taighean
ailtireachd
sreap
tobhtaichean aosmhor
Struan, Isle of Skye

B' e sealladh air cairt-puist a bha san dealbh-camara seo, leis an tiotal 'Looking East, Struan'. Bha a' chairt air fhoillseachadh le Raphael Tuck & Mic, Earr., Lunnainn.

'S dòcha gum b' e dà thaigh a bha coltach ri chèile, ach nan dà thogalach leotha fhèin ach còmhla ri chèile, a ghlac sùil an fhir-chamara. Mar bu trice, b' e taighean nan seasamh leotha fhèin a bha san t-seòrsa taigh seo. Thòisich na dhà dhiubh seo mar thaigh le aon lobhta, agus an lobhta shuas is staidhre air a chur ris pìos às dèidh sin. Tha na rudan a-muigh, beulaibh cloiche a tha gealaichte le aol, agus uinneagan diofraichte ann an àite diofraichte, gam fàgail nan togalaichean buileach sònraichte. Chaidh an dà thaigh a thogail le teaghlaichean MhicFhionghain, a tha fhathast a' fuireach annta. 'S e 'Craiglea' a th' air an taigh gu clì agus 'Craigard' air an taobh dheas.

'S e baile beag air cost an iar an Eilein Sgitheanaich a th' ann an Sruthan. Tha e na laighe air tràighean Loch Beag, sàilean den loch nas motha, Loch Harport. Uaireigin b' ann air croitearachd is iasgach a bha am baile a' tighinn beò ach an-diugh tha turasachd a' cur ri eaconamaidh na sgìre cuideachd.

Gu tuath air an ionad san dealbh seo lorgar Dùn beag, dùn o Linn an Iarainn, tè de na dùintean as fheàrr air an glèidheadh a th' air an Eilean Sgitheanach. Am measg nan rudan a chaidh a lorg air an ionad, tha grìogagan glainne, buinn, crèadhdaireachd agus fainne òr. Tha an cladh faisg air làimh agus air an tiodhlacadh an sin tha sreapadairean ainmeil na Cuilinn, J Norman Collie agus a charaid, an neach-iùil Sgitheanach, Iain MacCoinnich.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Sruthan, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Bracadal

1920s

taighean; ailtireachd; sreap; tobhtaichean aosmhor

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection