Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Beag, An Sruthan
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_13_004_009
ÀITE
An Sruthan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
DEIT
1920
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
42578
KEYWORDS
cidhe
eathraichean
bàtaichean
dùintean
ionad arc-eòlach
Loch Beag, Struan

San dealbh-chamara seo chithear buidheann de 8 no 9 daoine a tha gan iomradh a-steach don laimrig ann an Sruthan air cost an iar an Eilein Sgitheanaich. Tha an luchd-siubhail air an iomradh ann am bàta làidir nan sùdhan le dithis fhireannach air na ràimh. 'S cinnteach gun deach a' bhuidheann a thogail o bhàta na bu mhotha air acair a-muigh ann an Loch Beag, air neo na b' fhaide a-muigh ann an Loch Harport. B' ann faisg air a ' bhaile, ann an Loch Beag, a bha an laimrig. Tha an t-uisge gu math eudomhainn agus aig muir-tràigh chan fhaigheadh bàta domhainn air ceangal suas aig an laimrig.

Tha mu 250 duine a' fuireach ann am baile beag an t-Sruthain. Uaireigin b' ann air croitearachd is iasgach a bha am baile a' tighinn beò ach an-diugh tha turasachd a' cur ri eaconamaidh na sgìre cuideachd.

Tha Dùn beag, dùn o Linn an Iarainn, na suidhe air cnoc os cionn a' bhaile agus 's i tè de na dùintean as fheàrr air an glèidheadh a th' air an Eilean Sgitheanach. 'S ann o mu 500RC a tha i. Tha clàran o 1770 ag innse gu robh ballachan le àirde 18 troigh aice. Am measg nan rudan a chaidh a lorg air an ionad, tha grìogagan glainne, buinn, rudan umha agus fainne òr.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Beag, An Sruthan

INBHIR NIS: Bracadal

1920an

cidhe; eathraichean; bàtaichean; dùintean; ionad arc-eòlach

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection

San dealbh-chamara seo chithear buidheann de 8 no 9 daoine a tha gan iomradh a-steach don laimrig ann an Sruthan air cost an iar an Eilein Sgitheanaich. Tha an luchd-siubhail air an iomradh ann am bàta làidir nan sùdhan le dithis fhireannach air na ràimh. 'S cinnteach gun deach a' bhuidheann a thogail o bhàta na bu mhotha air acair a-muigh ann an Loch Beag, air neo na b' fhaide a-muigh ann an Loch Harport. B' ann faisg air a ' bhaile, ann an Loch Beag, a bha an laimrig. Tha an t-uisge gu math eudomhainn agus aig muir-tràigh chan fhaigheadh bàta domhainn air ceangal suas aig an laimrig.<br /> <br /> Tha mu 250 duine a' fuireach ann am baile beag an t-Sruthain. Uaireigin b' ann air croitearachd is iasgach a bha am baile a' tighinn beò ach an-diugh tha turasachd a' cur ri eaconamaidh na sgìre cuideachd. <br /> <br /> Tha Dùn beag, dùn o Linn an Iarainn, na suidhe air cnoc os cionn a' bhaile agus 's i tè de na dùintean as fheàrr air an glèidheadh a th' air an Eilean Sgitheanach. 'S ann o mu 500RC a tha i. Tha clàran o 1770 ag innse gu robh ballachan le àirde 18 troigh aice. Am measg nan rudan a chaidh a lorg air an ionad, tha grìogagan glainne, buinn, rudan umha agus fainne òr.